The National:

Mo sgian gun gabh mi, glan is geur,

’S gun geàrr mi thu gu h-ealamh gleust’,

‘S gum brùchd a-mach do mhionach rèidh,

Mar chladhan cas;

‘S an sin gum faic sinn sealladh treun

- Ach ‘s fheàrr am blas.

O nach bi suipearan Bhurns ann am-bliadhna is sinn uile fo ghlais aig a’ Chòbhad-19, nach bu chòir dha bhith mar fhiachaibh oirnn ar cuid fhìn a chumail a-staigh againn fhìn? Cumaidh e cosnadh ri feòladairean, tuathanaich is muinntir an uisge-bheatha co-dhiù.

Bithidh sliochd an Alba shean gu buan,

Aig Iain Eòrna nan cruaidh ghleac.

Is òlaidh sinn mun cuairt a shlàint’,

Is cuach an làimh gach neach.

Ach ann an Gàidhlig? Gabhaidh a dhèanamh. Nuair a bha mi a’ teagasg inbhich a bha ag ionnsachadh na Gàidhlig, chaidh againn air suipear Burns a chumail agus a h-uile rud eadar òrain, bàrdachd, altachadh is òraidean a ghabhail ann an Gàidhlig. Is cha robh e doirbh leis mar a tha Raibeart Burns air fear de na bàird as trice a chaidh eadar-theangachadh air grunn adhbharan.

READ MORE: Robert Burns never heard Auld Lang Syne now sung around the world

Nochd a bhàrdachd goirid an dèidh don leabhar Oisean le Seumas Bàn Mac a’ Phearsain an Roinn-Eòrpa a bheò-ghlacadh agus bha Alba san fhasan.

Ar truaighe 's teinn, ar n-ainneirt chruaidh,

Sàr-sliochd an sàs nan tràillibh truagh;

O’r cuislibh tràight' air sgàth ar sluaigh,

Thig saorsa bhuan le sìth.

Bha an t-atharrachadh gu cor beò-shlàinte gnìomhachais is imrich do na bailtean mòra a’ fàgail dhaoine le cianalas airson caitheamh-beatha àiteachas na dùthcha.

Ach, luchag, chan e thusa h-aon

Dom faod ro-shealladh dearbhadh faoin -

‘S tric bha dòchas luch is dhaoin’

A-riamh gun stàth,

‘s an àite sùil ri nithean caoin,

‘s e fhuair iad cràdh.

Mu dheireadh san fhicheadamh linn, chòrd na beachdan poilitigeach ri mòran, gu h-àraidh air an làimh chlì.

‘N sin guidheamaid gun tig an là,

Is thig na thràth air sgàth sin,

‘S an rìoghaich anns an talamh làn

Tuigse is àgh air sgàth sin,

Air sgàth sin, air sgàth sin:

A’ teachd tha an là air sgàth sin

‘s an còmhlaich fear le fear an gràdh

Mar bhràithrean bàidh air sgàth sin.

The National:

‘S ann leis an Urr. Ruairidh MacDhòmhnaill, Beàrnarach a bha na mhinistear ann an Sgìre na h-Innse ann an S. Obar Dheathain a tha an tionndadh sin de ‘Se an duine am fear air sgàth sin agus cuideachd an rann bho Don Mharaig aig toiseach a’ chuilbh seo. ‘S e Mgr. Ruairidh am fear a bu dìcheallaiche de na h-eadar-theangaichean ach thàinig e aig ceann sreath fada de Ghàidheil a chuir an làmh ris an obair. Ann an leabhar a nochd ann an 1896 liostaich an t-ùghdar saothair a’ bhàird ann an 17 cànainean, ‘s a’ Ghàidhlig nam measg. Gu h-àrd, thàinig Iain Eòrna bho Uilleam MacDhunlèibhe, tàillear Ìleach a bha ag obair ann an Glaschu, Brosnachadh Bhrus bhon Mhuileach an t-Urr. Aonghas Mac an t-Saoir, agus Do Luch bho pheann ministeir eile, an t-Urr. Uilleam MacCoinnich, à Leòdhas.

B’ ann ann an 1910 a thàinig leabhar slàn de Bhurns a-mach ann an Gàidhlig le fear Teàrlach MacPheadair, nach aithne dhuinn cus mu a dheidhinn. Seo eisimpleir de obair:

Nuair a dh’fhàgas luchd-bachaireachd an t-sràid,

‘s luchd an ìot tighinn ri chèil leth-bhàitht’

Aig àmaibh fèill san là ‘dol dhìth

San sluagh dol dhachaigh trom is sgìth:

Tha sinn nar suidh’ aig ar gogain teth,

‘Dol thart’ le dibh sòlasach fa leth.

Nis, dèanaibh coimeas ri brod a’ bhàird, Dòmhnall Mac an t-Saoir, an t-Uibhisteach Dòmhnall Ruadh Phàislig, is an tionndadh aigesan:

Nuair a dh’fhàgas reiceadairean fèill’,

Sa choinnicheas nàbaidhean a cheil’

Latha a’ mhargaidh aig a cheann

‘S na daoine a’ falbh is an t-anmoch ann

Nach sinne tha mear mu thimcheall bùird

A’ sìor thoirt balgam às an leann.

READ MORE: Thousands of global Burns night suppers revealed on interactive map

Is mu dheireadh Mgr. Ruairidh a-rithist:

Nuair a dh’fhàgas ceannaichean-siubhail an t-sràid,

‘s a choinnicheas nàbannan le “Slàint’”,

‘S a dh’fhàsas anmoch là na fèill’

`S a shireas daoin’ an dachaigh fhèin –

Ach sinne, cruinnicht’ mun leann,

A’ sìor-fhàs làn, ‘s a’ dol an sunnd.

Faodaidh an leughadair taghadh cò as fheàrr leis no feuchainn air a shon fhèin le oidhirp eile! Leis mar a tha mòran de luchd-leughaidh a’ phàipeir seo ag ionnsachadh na Gàidhlig, is dòcha gun còrd e ruibh rudeigin simplidh fheuchainn mus gabh sibh ur suipear, Altachadh Sheilcirc, le Mgr. Ruairidh.

Tha biadh aig cuid, ‘s gun aca càil;

Acras air cuid, ‘s gun aca biadh;

Ach againne tha biadh is slàint’;

Moladh mar sin a bhith don Triath.