MU dheireadh thall tha sinn air sealladh fhaighinn air na bhios an lùib Brexit on a dh’fhoillsich Riaghaltas Bhreatainn an t-aonta mu Bhrexit.
Tha Theresa May ceart, ann an dòigh, nuair a thuirt i gur e seo an t-aonta às fheàrr a tha ri fhaighinn. ’S e th’ ann a-nis dìreach air sgàth ’s nach eil àm air fhàgail gus aonta sam bith eile a lorg. Chan fhaigh iadsan a tha fhathast airson an t-AE fhàgail, le aonta, cothrom eile.
Thug May cothrom na Fèinne dhaibhsan a tha airson Brexit nas cruaidhe pàirt a ghabhail anns an Riaghaltas gus a leithid a chruthachadh, ach cha robh Johnson, Davis, McVey, Raab, no duine eile comasach, air no deònach sin a dhèanamh.
’S e sgeul làn ìoranais a th’ ann. Chur am buidheann seo a leithid de dh’eagal air Daibhidh Chamshron gun do chuir e reifreann air dòigh gus an toileachadh. Amadan a bh’ ann – cha robh for aige nach tèid an toileachadh. Bhuannaich luchd Brexit an reifreann agus bhòt Taigh nan Cumantan airson fàgail. Tha aonta againn leis an AE agus fàgaidh sinn gu h-oifigeil ann am beagan mhìosan agus a bheil duine aca toilichte? Chan eil coltas orra gu bheil.
Thar nan deicheadan tha am buidheann beag sin air an t-uabhas cumhachd fhaighinn. Ach a-nis, leis nach robh iad fiù ’s comasach air gu leòr taic fhaighinn gus bhòt a chumail air Theresa May mar cheannard a’ phàrtaidh – cha b’ urrainn dhaibh taic bho 48 BP Tòraidh fhaighinn – tha am buidheann sin air dearbhadh nach eil annta ach tìgearan phàipeir. Rinn Theresa May a’ chùis orra ach, chan eil i sàbhailte na dreuchd fhathast.
Nuair a bhòtas Taigh nan Cumantan air an Aonta anns an Dùbhlachd, chan urrainn dhomh dòigh sam bith dha soirbheachadh fhaicinn. Chan eil gin de na pàrtaidhean eile deònach taic a chur ris agus a-rèir aithrisean tha co-dhiù 81 BP Tòraidheach na aghaidh cuideachd.
Fiù ’s nan lorgadh i na bhòtaichean, dòigh air choireigin, chan fhaigh na Tòraidhean taic anns na Cumantan air cuspairean eile bhon DUP. Thachair seo beagan làithean air ais, air Bile an Ionmhais. Bha aig an Riaghaltas ri gabhail ri gach atharrachadh a chur na Làbaraich agus PNA ris a’ bhile dìreach gus na bhòtaichean fhaighinn. Chan urrainn do Riaghaltas sam bith a’ leantail air adhart ro fhada idir ann an suidheachadh mar sin.
Dè na roghainnean eile a th’ ann? A bhith a’ fàgail as aonais aonta. Bhiodh sin cho cunnartach is nach e breug a th’ ann bhith ag ràdh gum bàsaicheadh daoine air sgàth ’s a leithid. Chaidh aithris aig an deireadh-seachdain nach biodh uisge glan againn ri òl an ceann beagan làithean anns a leithid de shuidheachadh.
’S e an trioblaid a th’ ann ge-tà gu bheil droch bhuaidh an t-slighe sin cho soilleir is gu bheil cuid cinnteach nach eil cothrom sam bith ann gun tachair e. Agus tha am beachd sin ga dhèanamh nas coltaiche gun tachair. Chan eil ach aon roghainn eile ann, mar sin: dh’fheumadh dòigh a lorg stad a chur air Brexit. Chan fheuchadh Riaghaltas sam bith a leithid as aonais reifreann eile a’ chumail air. Tha e doirbh fhaicinn mar a thachradh sin, ach mean air mhean tha e a’ fàs nas fhasa.
Thug mòr-chuid ann am Pàrlamaid na h-Alba taic dhan iomairt airson reifreann eile beagan sheachdain air ais. Tha eisimpleirean den a leithid ann mar-thà cuideachd. Dà thuras, air Cùmhnant Lisbon agus Cùmhnant Nice ann am Poblachd na h-Èireann chaidh bhòt a chumail dà uair nuair a dhiùlt mòr-chuid taic a chur ris.
Tha cuid an aghaidh bhòt eile air eagal ’s gun dèanadh sin cùisean nas duilghe dhuinn ann an Alba às dèidh an ath reifreann air neo-eisimeileachd. Tuigidh mi carson ach chanainn ’s seo riutha: nan robh Riaghaltas na h-Alba air dà bhliadhna a chosg a dèanamh a leithid de bhùrach ’s a tha Riaghaltas Bhreatainn air dhèanamh, bhiodh muinntir na h-Alba airidh air bhòt eile. Cha tachradh sin ge-tà, oir tha PNA uile airson neo-eisimeileachd.
Tha Theresa May air sealltainn gun tèid againn air an Aonadh Eòrpach fhàgail le aonta ris an cuir an t-AE taic. Ach chan eil e idir soilleir an tèid aice air taic a lorg ann an Westminster, air aonta sam bith. Mura h-eil roghainn air fhàgail againn ach fàgail gun aonta sam bith, no reifreann eile a ghlèidheadh, tha fios agamsa na bhiodh mise airson.
Cha tàinig stad air deamocrasaidh air an 23mh den Òg Mhìos 2016 agus ma tha muinntir na Rìoghachd Aonaichte air atharrachadh nam beachdan, on a dh’ionnsaich iad barrachd mu dhèidhinn, tha còir is gum faigh iad cothrom sin a dhearbhadh, mus tèid cron a dhèanamh orra agus air an nàbaidhean, gun adhbhar sam bith.
SUMMARY:
Theresa May has secured EU support for a deal, survived an attempted coup and proven the hard Brexiteers to be paper tigers. But none of that matters if she is unable to get this deal through parliament, as appears to be the case. Faced with three options: this deal, no deal, or no Brexit, it is time the UK seriously considered the latter.
GLOSSARY:
Aonta – agreement
Cothrom na Fèinne – a fair chance
Ioranas – irony
Why are you making commenting on The National only available to subscribers?
We know there are thousands of National readers who want to debate, argue and go back and forth in the comments section of our stories. We’ve got the most informed readers in Scotland, asking each other the big questions about the future of our country.
Unfortunately, though, these important debates are being spoiled by a vocal minority of trolls who aren’t really interested in the issues, try to derail the conversations, register under fake names, and post vile abuse.
So that’s why we’ve decided to make the ability to comment only available to our paying subscribers. That way, all the trolls who post abuse on our website will have to pay if they want to join the debate – and risk a permanent ban from the account that they subscribe with.
The conversation will go back to what it should be about – people who care passionately about the issues, but disagree constructively on what we should do about them. Let’s get that debate started!
Callum Baird, Editor of The National
Comments: Our rules
We want our comments to be a lively and valuable part of our community - a place where readers can debate and engage with the most important local issues. The ability to comment on our stories is a privilege, not a right, however, and that privilege may be withdrawn if it is abused or misused.
Please report any comments that break our rules.
Read the rules here