ANN an Sealainn Nuadh an t-seachdain-sa, thuirt am Prìomhaire Jacinda Adern gun robh i den bheachd gun atharrachadh an dùthaich gu bhith na poblachd uaireigin ri a linn-sa. Chan e poileasaidh an riaghaltais a th’ ann ach tha e inntinneach dìreach gum b’ urrainn dhith an leithid de bheachd aideachadh.
Air taobh thall na Mara Thasman, tha iomairt airson Poblachd Astrà iliach a’ dèanamh adhartas cuideachd. Bha reifreann air an dearbh cheist ann an 1999 anns an d’ fhuair na poblachdaich 45% den bhòt. Tha Pà rtaidh Là barach Astrà ilia air gealltainn gun glèidh iad reifreann ma bhios iad soirbheachail aig à m an ath thaghaidh.
Tha am buidheann Australian Republic Movement air chlà r-ama fhoillseachadh a’ moladh mar a bu chòir dhan dùthaich atharrachadh gu bhith na phoblachd, bliadhna às dèidh bhliadhna, ceum air cheum bho iomairtean gu reifreann gu ruige an latha nuair a bhios Astrà ilianach aca mar cheann-suidhe na dùthcha. Ged nach urrainn dhaibh a bhith ag rà dh le cinnt gun tèid an clà r-ama seo a leantainn, tha iad air deasachadh agus slighe a’ dealbhadh a dh’ionnsaigh a’ cheann-uidhe sin. Tha a’ cheist an urra ri beachdan muinntir Astrà ilia.
’S e poblachdan a th’ anns a’ mhòr-chuid de dhùthchannan anns a’ Cho-fhlaitheas mar-thà , 32 a-mach à 53, agus anns a’ chòrr dhiubh, tha iomairtean airson poblachdan a’ fà s. Ann am Barbados agus ann an Iameuga, tha pà rtaidhean ann an cumhachd air moladh no gealltainn poblachdan an stèidheachadh anns an à m ri teachd.
Nam bheachd-sa, agus mi nam phoblachdach, bu chòir dhuinn tòiseachadh planaichean a dheasachadh airson a leithid ann an Alba. Tha fios agam gu bheil e nas fhasa plana a chruthachadh na bhith ga chuir an gnìomh, agus chan eil fios agam an soirbhich leis an iomairt ann an Astrà ilia no Barbados no à ite sam bith eile. Ach tha e soilleir gu bheil iadsan fada air thoiseach oirnn.
Chan eil mi airson cus ùine a chur seachad air an argamaid an aghaidh an siostam monarcachd. Tha eachdraidh gach teaghlach rìoghail loma là n eisimpleirean a dhearbhas dè cho faoin is cunnartach is a tha an siostam sin, agus tha mi ag aontachadh le Thomas Paine nuair a thuirt e gur e dreachd Rìgh dualtach ceart cho gòrach ri dotair dualtach no neach-matamataig dualtach.
Chan eil sealladh air a leithid de dh’ iomairt anns an Rìoghachd Aonaichte no ann an Alba. Agus cha chreid mi gun aideachadh ceannard pà rtaidh sam bith anns an Rìoghachd Aonaichte na dh’aidich Jacinda Adern, fiù ’s ged a chreideadh iad an dearbh rud. Nach neònach, eadar an gluasadan mòr radaigeach anns na bliadhnaichean seo seachad a chunnacas ann an Alba agus an Rìoghachd Aonaichte nach eil cus air bruidhinn mu dhèidhinn a leithid idir.
Tuigidh mi ro-innleachd a’ Phà rtaidh Nà iseanta air a’ cheist seo agus gu bheil againn ri aon reifrinn a bhuannachadh sa chiad dol a-mach. Ged nach e, gu h-oifigeach, pà rtaidh poblachdach a th’ ann am PNA, tha iad airson is gum biodh cothrom aig muinntir na h-Alba taghadh cò bhios ar ceann-stà ite. Ach chan eil sinn deiseil airson a leithid de thaghadh agus air sgà th ’s sin chan eil teagamh sam bith againn gun cailleadh sinn fear.
Dh’fhaodadh gun caochlaich a’ Bhanrigh a-mà ireach. ’S dòcha gun canadh cuid gu bheil e car borb a bhith a’ smaointinn agus a’ deasachadh airson bàs seann chailliche, ach ’s iad luchd taic a Teaghlach Rìoghail a tha airson is gum bith bun-reachd na dùthcha a’ crochadh air am leithid de thachartas. Nuair a chaochaileas ise, thèid innse dhuinn nach e à m freagarrach a th’ ann idir airson deasbad agus mar sin cha tèid a dheasbad.
Fiù ’s gun deasbaid, cha chuireadh e iongnadh orm nan tigeadh à rdachadh ann na h-ìrean de thaic airson poblachd. Tha e gu math soilleir nach eil mòran daoine cho measail air Teà rlach is a tha iad air Ealasaid. Ach cha bu chòir dhuinn dìochuimhneachadh cho cumhachdach is a tha an teaghlach sin. Chan do mhair cus teaghlaichean rìoghail gu ruige an 21mh linn agus chan fhaigh sinn cuidhteas dhiubh gun strì mhòr.
Cha bhiodh na poblachdaich, idir deiseil air a shon, ach tha plana aig an Teaghlach Rìoghail, agus an cuideachd, airson nuair a chaochaileas a’ Bhà nrigh. Bidh luchd-naidheachd aig BBC a’ deasachadh air a shon gu tric agus, a-rèir aithisg a nochd an-uiridh, bidh iad a’ cumail tà idh dubh ann an drathair fon bhòrd, air eagal is gum bi aca ris an naidheachd bhrònach a’ sgaoileadh.
Am bitheamaid deònach a leigeil le Alba neo-eisimeileach a bhith am measg à ireimh bhig de dhùthchannan a tha fhathast toilichte a bhith a’ gabhail ris an siostam meadhan-aoiseach seo? Am bitheamaid toilichte gun cheann-stà ite Albannach? Chan eil mise agus cha chreid mi nach eil mi nam aonar ach feumaidh sinn uile, agus gu h-à raid luchd-poilitigs a tha nan poblachdaich, strì còmhla agus ar guthan a thogail.
Why are you making commenting on The National only available to subscribers?
We know there are thousands of National readers who want to debate, argue and go back and forth in the comments section of our stories. We’ve got the most informed readers in Scotland, asking each other the big questions about the future of our country.
Unfortunately, though, these important debates are being spoiled by a vocal minority of trolls who aren’t really interested in the issues, try to derail the conversations, register under fake names, and post vile abuse.
So that’s why we’ve decided to make the ability to comment only available to our paying subscribers. That way, all the trolls who post abuse on our website will have to pay if they want to join the debate – and risk a permanent ban from the account that they subscribe with.
The conversation will go back to what it should be about – people who care passionately about the issues, but disagree constructively on what we should do about them. Let’s get that debate started!
Callum Baird, Editor of The National
Comments: Our rules
We want our comments to be a lively and valuable part of our community - a place where readers can debate and engage with the most important local issues. The ability to comment on our stories is a privilege, not a right, however, and that privilege may be withdrawn if it is abused or misused.
Please report any comments that break our rules.
Read the rules here