Those who ran the British Empire knew that it was created through conquest and enslavement and maintained through violence. When that empire was brought down, the British Government’s Operation Legacy sought to ensure that the world would never learn the true extent of these crimes. They were so successful that the current British Government believes that they can build an Empire 2.0 solely with ingenuity and hard work, rather than bloodshed and theft. Brexit is proof of how ludicrous that idea is.

SHOIRBHICH Operation Legacy air sgàth ’s nach eil fhios againn air dè dìreach a rinn e. Bho na 1950an gu ruige na 1970an bha Oifis nan Colonaidh os cionn prògram gus cur às do dh’fhianais sgrìobhte mu dhèidhinn na bha feachdan Breatannach air dèanamh anns na colonaidhean. Bha eagal orra gum faigheadh riaghaltasan ùra anns na dùthchannan a bha gu bhith neo-eisimeileach greim air an fhiosrachadh. Mar sin, chaidh cuid de na clàraidhean agus na pàipearan seo a thilleadh gu tasg-lannan dìomhair ann am Breatainn, cuid eile dhiubh a losgadh agus cuid a thilgeil dhan mhuir.

Tha fios againn gun do chleachd Impireachd Bhreatainn murt is ciùrradh gus na colonaidhean a chumail fo smachd. Cha bhi fios againn gu bràth air cuid de na rudan a chaidh a dhèanamh agus cò a rinn iad. Chaidh eachdraidh agus fianais eucoirean a rinn an Rìoghachd Aonaichte ann an iomadh dùthaich suas similearan na luaithre agus leatha dh’fhalbh cothrom gus ceartas fhaighinn.

Ri linn Operation Legacy, bha fios aig feachdan Bhreatainn dè dìreach a bha an lùib a bhith a’ sgaoileadh impireachd tron t-saoghal. Bha fios aca gum biodh Breatainn air a nàireachadh ann am barail an t-saoghail agus nam Breatannach fhèin, nan rachadh fianais mu na rinneadh ann an ainm na h-impireachd fhoillseachadh.

Nochd cunntas-bheachd an-uiridh a rannsaich beachdan muinntir Bhreatainn mu dhèidhinn na h-impireachd. A-rèir a’ chunntas-bheachd ud, bha 43% de Bhreatannaich a’ faireachdainn pròiseil mu dhèidhinn na h-impireachd agus chreid iad gum b’ e deagh rud a bh’ ann. Cha tuirt ach 21% gum b’ e droch rud a bh’ ann agus thuirt 23% nach b’ e rud math no dona a bh’ ann.

’S iad luchd a’ Bhrexit an dìleab a dh’fhàg Operation Legacy dhuinn. Tha iad a’ creidsinn gun do shoirbhich an impireachd air sgàth ‘s cho cruaidh ‘s a dh’oibrich na Breatannaich. Agus a-nis tha iad a’ feuchainn ri a leithid de rud a chruthachadh, impireachd stèidhichte air cho comasach is a tha na Breatannaich agus as aonais, taing do shealbh, fòirneart agus tràilleachd agus murt. Tha iad air a bhith cho soirbheachail, nach eil? Tha Brexit a’ dearbhadh gur e sgudal a th’ anns an sgeulachd sin.

Tha cianalas a tha air cuid mu dhèidhinn na h-impireachd cudromach a thuigsinn ma tha sinn gus Brexit a thuigsinn, oir tha tòrr ga h-ionndrainn fhathast. Na bu thràithe am bliadhna, mus deach Artaigil 50 a thoirt am bith, bha cuid ann an Whitehall a-mach air Empire 2.0, gun nàire sam bith orra. B’ urrainn dhuinn ceanglaichean na bu làidire a bhrosnachadh eadar an Rìoghachd Aonaichte agus An Co-fhlaitheas, thuirt iad.

Bha na ceanglaichean sin ann uair, agus mhair cuid dhiubh na b’ fhaide na an impireachd. Chaidh cuid de na stàitean a chruthachadh a dh’aona-ghnothach airson eaconamaidh Bhreatainn a neartachadh. Chaidh bailtean a thogail ann an àiteachan far am biodh e na b’ fhasa do Bhreatainn na goireasan nàdarra a tharraing às na dùthchannan seo. Is beag an t-iongnadh gum biodh e a’ dèanamh ciall eaconamach, ann a leithid de dhùthaich, às-bhathar a reic fhathast dhan Rìoghachd Aonaichte fiù ’s as dèidh dhaibh an neo-eisimeileachd aca a bhuannachd. Mar sin, nuair a ghabh an Rìoghachd Aonaichte ballrachd de Choimhearsnachd Eaconamach na h-Eòrpa anns na 1970an, bha droch bhuaidh aig seo air tòrr den Cho-fhlaitheas.

Tha deagh chuimhne aig muinntir Sealainn Nuaidh air mar a dhiùlt an Rìoghachd Aonaichte iad airson pàirt a ghabhail anns a’ phròiseact Eòrpach. Ann an 1965 b’ e an Rìoghachd Aonaichte ceann-uidhe airson 50% de dh’às-bhathar na dùthcha ach aig deireadh na 70an bha an àireamh sin air ìoslachadh gu 15% agus còmhla ris bha droch bhuaidh air eaconamaidh na dùthcha. Tha eaconamaidh làidir aca a-nis agus anns an eadar-ama tha iad air ceanglaichean eaconamach ùr a chruthachadh. Chan eil iad gus a bhith deònach sin a leigeil suas dìreach airson dàimh ùr a chruthachadh le Breatainn.

Bhathar den bheachd gum biodh GDP Poblach nan Innseachan air fàs gu inbhe na bu mhotha na GDP na Rìoghachd Aonaichte anns a’ bhliadhna 2020, ach, air sgàth ’s mar a mhill Brexit luach an not, thachair sin an-uiridh a rèir aon aithisg. Cuiridh mi geall, nuair a tha an Rìoghachd Aonaichte a’ feuchainn ri còrdadh malairt a ruigsinn còmhla ris an eaconamaidh làidir sin, nach bi Poblachd nan Innseachan cho deònach èisteachd ri sgudal mu dhèidhinn Empire 2.0; tha cuimhne aca air mar a sgrios a’ chiad tè an dùthaich aca.

Tha 43% de Bhreatannaich ceàrr; cha b’ e deagh rud a bh’ ann an Impireachd Bhreatainn. Nuair a shoirbhich feachdan na h-impireachd le Operation Legacy, shìolaich iad cuid de na trioblaidean a tha Brexit gus buain. ’S ann stèidhichte air aineolas a tha Brexit, aineolas mu dhèidhinn an Aonaidh Eòrpaich, ach cuideachd aineolas mu dhèidhinn eachdraidh eadar-nàiseanta Bhreatainn. Gu mì-fhortanach airson luchd a’ Bhrexit, chan eil càch cho aineolach. Tha cuimhne aig an t-saoghal air Impireachd Bhreatainn agus na rinn iad, fiù ’s ged nach biodh an fhianais sgrìobhte aca.

GLOSSARY

Oifis nan Colonaidh – The Colonial Office
Fianais sgrìobhte – written evidence
Tasg-lannan – archives
Luaithre - ashes
An Co-fhlaitheas – The Commonwealth