Writer and independence convert Andrew O’Hagan was right to highlight the opportunities for an independent nation like Scotland in the digital age and the increasingly connected world. However, if these technological advances are not also accompanied by independence, and with it a greater committment to transparency, then they could easily be used to protect existing inequalities.

AN ceann beagan is cola-deug ’s e an ochdamh latha deug den t-Sultain a bhios ann a-rithist. Fiù ’s nuair a bhios Alba na dùthaich neo-eisimeileach, ’s e ceann-latha cudromach agus brìghmhor a bhios an ochdamh latha deug do ghach neach a thog iomairt no a bhòt airson neo-eismeileachd ann an 2014.

Ach an-dràsta tha e cudromach gun dèan sinn èisteachd riutha-san nach do bhòt Bu Chòir, gu h-àraid nuair a tha iad air am beachdan atharrachadh thar na trì bliadhna seo seachad. Agus is beag an t-iongnadh gu bheil cuid air atharrachadh am beachdan, às dèidh mar a tha Westminster air dèiligeadh le Alba bho mhadainn an 19mh den t-Sultain.

Tha an sgrìobhadair Anndra O’Hagan aonan dhiubh. Beagan sheachdain air ais chaidh òraid a thug e seachad aig Fèis Eadar-Nàiseanta nan Leabhraichean ann an Dùn Èideann fhoillseachadh anns a’ phàipear-naidheachd seo far an tug e iomradh air mar a dh’atharraich na bheachdan aige. Anns an òraid inntinneach, thug e iomradh air am buaidh a tha gus a bhith aig an saoghal digiteach againn air Alba agus mar a thèid againn a bhith nar dùthaich neo-eisimeileach agus soirbheachail, na eisimpleir gu dùthchannan eile anns an co-theacsa ùr sin.

Tha mi ag aontachadh leis agus toilichte fhaicinn neach eile a’ toirt taic do neo-eisimeileachd, ach feumaidh sinn a bhith faiceallach. Tha teicneòlas ùr agus an eadar-lìon air a toirt dhuinn iomadh cothrom mar dùthaich. Às aonais neo-eisimeileachd ge-tà, cha tèid an teicneolas sin a chleachdadh anns an dòigh a bheireadh buannachd ach gu àireamh glè bheag de dhaoine aig a bheil cumhachd agus beairteas mar-thà.

Aig fèis litreachais eile an-uiridh, thuirt an sgrìobhadair Roberto Saviano, a choisinn cliù a’ sgrìobhadh mu dhèidhinn am buidheann eucoireach anns an Eadailt, an Camorra, gur b’ e an Rìoghachd Aonaichte, na bheachd, an dùthaich as coirbte air an t-saoghal. Bhiodh e eòlach air a leithid agus b’ fhiach smaointinn air carson a chanadh e a leithid.

Mar an lobhadh, feumaidh cleachdaidhean coirbte dorchadas airson fàs. Nam bheachd-sa feumaidh sinn trid-shoilleireachd a chur aig cridhe an dùthaich ùr againn agus thèid teicneòlas ùr a chleachdadh gus sin a dhèanamh no gus bacadh a chur air cuideachd.

Nochd connspaid beagan sheachdain air ais a-nis mu ìrean phàighidh a’ BhBC nuair a chaidh na tuarastail bhliadhnail aig cuid de phreasantairean ainmeil fhoillseachadh. Bha e soilleir gu bheil gu leòr de na pàipearan-naidheachd a rinn càineadh orra ga dhèanamh air sgàth ‘s gu bheil iad airson cuidhteas fhaighinn den BhBC, ach bha e cuideachd soilleir gu bheil cuid anns a’ Bheeb air am pàigheadh aig ìrean fada nas àirde na tha cothromach.

Tha e ceart gun deach na ìrean phàigh seo fhoillseachadh ach tha còir is gun tèid barrachd fhoillseachadh. Dè an tuarasdal a tha iadsan a tha a dèanamh maise-gnùis Mgr Evans fhaighinn? No iadsan a bhios a’ glanadh nan taighean-beaga ann an Pacific Quay?

Agus carson a bu chòir dhuinn stad leis a’ Bheeb, no fiù ’s dreuchdan anns an roinn phoblachd? Smaoinichibh air am buaidh a bhiodh aig fiosrachadh den leithid air còirichean obrach agus an cultar air fad againn.

Chan e rud cho annasach sin a th’ ann. Ann an Nirribhidh agus Fionnlainn thèid aig duine sam bith leth-bhreac de cìs teachd-a-steach saoranaich sam bith eile fhaicinn. Tha cead agad am fiosrachadh sin fhaighinn, agus air sgàth ’s teicneolas ùr tha e a-nis furasta do neach sam bith am fiosrachadh lorg air-loidhne.

Anns an dùthaich againn ge-tà, feumaidh sinn feitheamh air sgeulachdan mar am fear seo mun a’ Bheeb, air no tachartasan far an tèid an t-uabhas fiosrachaidh a sgaoileadh ann an dòighean mì-laghail, mar na pàipearan Panama. Tha fios gum bith a leithid de sgaoilidhean nas cumanta anns an àm ri teachd.

’S urrainn dhuinn teicneolas ùr a chleachdadh gus strì an aghaidh iadsan a bhios a sgaoileadh am fiosrachaidh. Air no ’s urrainn dhuinn atharrachadh ar dòighean obrach gus nach dh’fheumadh sinn fheitheamh air cuideigin am fiosrachadh a ghoid sin anns a’ chiad dol a-mach. Feumaidh sinn an cultar atharrachadh, air no cha tèid an teicneòlas ùr a chleachdadh ach airson na trioblaidean a th’ againn mar-thà daingneachadh. Mura h-eil sinn deònach ann an Alba freagairtean lorg air na ceistean seo, thèid an taghadh a dhèanamh air ar son.

Ri linn Achd an Aonaidh, bha e comasach dhan Chabhlach Rìoghail Sasainn bacadh uabhasach a chur air malairt eadar-nàiseanta na h-Alba ma thogradh iad. Bha sin aig àm far an robh cuid de dùthchannan a creidsinn gu robh iad air Saoghal Ùr a lorg, ged a bha iad dìreach ri ghoid. A-nis tha saoghal ùr againn – saoghal air-loidhne. Bha muinntir na h-Alba glacte far a robh iad air am mapa. Chan eil sin fìor a-nis.

GLOSSARY:

Coirbte - Corrupt

Maise-gnùis – Make-up

Teach-a-steach – Income

Cabhlach Rìoghail – Royal Navy