‘THALLAIBH agus gnogaibh air na dorsan.” Chan fhaigh thu comhairle nas fheàrr ann am poilitigs. Tha fios aig gach pàrtaidh a tha air soirbheachadh ann an taghadh sam bith gu bheil feum aca air luchd-iomairt a tha deònach a bhith a’ gnogadh air dorsan agus a’ bruidhinn ri an luchd-bhòtaidh fhèin. A dh’aindeoin an adhartais ann an teicneòlas, cha deach taghadh a bhuannachadh fhathast as aonais grunn luchd-iomairt a tha deònachadh an t-uabhas obrach a dhèanamh gu saor-thoileach agus, mar as trice, anns an droch aimsir.

Tha fios agam gu bheil cuid de dhaoine, luchd-iomairt agus luchd-bhòtaidh, seachd searbh sgìth de thaghaidhean agus tuigidh mi carson. Ach tha fìor deagh bhuaidh aig iomairtean thaghaidh air na pàrtaidhean a tha deònach agus comasach iomairt a dhèanamh.

Chan fhaigh thu dòigh nas fheàrr fhaicinn cho mòr is a tha an sgaradh aig amannan eadar na tha cuid anns na meadhanan a’ smaointinn a tha cudromach agus na tha cudromach ann an sùilean a’ mhòr-shluaigh. Cuideachd, feumaidh na tagraichean a’ bhith a’ dìon nam poileasaidhean aca, feumaidh iad a bhith eòlach air na dearbh phoileasaidhean cuideachd oir chan eil fhios dè na ceistean a chuireas an sluagh orra. Air stairsneach taighe chan eil cothrom agad coimhead air-loidhne airson freagairtean no HQ fhònadh airson beagan cuideachaidh.

Cumaidh iomairtean na pàrtaidhean fhèin fallain cuideachd. Nuair a tha taghadh air fàire thig gach pàrtaidh cruinn còmhla, mar theaghlach, fiù ’s pàrtaidhean cho sgaraichte ris na Làbaraich mar a chunnaic sinn. Nuair a tha luchd-iomairt nam pàrtaidhean uile trang ag iomairt, tha iad ro thrang gus gearan a dhèanamh no co-fheall a chruthachadh an aghaidh pàirt eile den phàrtaidh. Nam bheachd-sa, nan robh Gordon Brown air taghadh tràth a ghairm cho luath ’s a ghabh e dreuchd a’ Phrìomhaire, bhiodh e air soirbheachadh.

Dìreach am bliadhna, chunnaic sinn cho diùid is a dh’fhàs na Làbaraich, a bha air còrr is bliadhna a chaitheamh a’ gearan ri neach sam bith a bha deònach èisteachd mu dheidhinn Corbyn. Chan iongnadh gu bheil iadsan air fantainn nan tost greiseag nas fhaide a-nis.

Tha slàinte ar deamocrasaidh cuideachd an crochadh air an luchd-iomairt aig na pàrtaidhean. Chan urrainn dhut deamocrasaidh slàn fallain a chruthachadh ann an suidheachadh far a bheil gach pàrtaidh poilitigeach gu tur an eisimeil airgid agus luchd-iomairt proifeiseanta. Gun teagamh sam bith ’s e cuideachadh a tha ann an cunntasan-bheachd ach chan urrainn do phàrtaidh a bhith beò air an fhiosrachadh sin a-mhàin.

Ann an Alba co-dhiù, chan e pàrtaidh iomairteach a tha anns na Tòraidhean. ’S ann tro na meadhanan a bhios iad ag iomairt agus tro bhileagan a phàigheas iad air an son. Nan robh am Pàrtaidh Nàiseanta air feuchainn ris a’ chùis a dhèanamh orra anns an dòigh seo, ann a bhith a togail airgid gus barrachd a chosg, cha bhiodh iad soirbheachail gus an tigeadh an latha nuair a biodh iad air caochladh gu cruth uabhasach fhèin coltach ris na Tòraidhean.

Ma tha am Pàrtaidh Nàiseanta air soirbheachadh gu poilitigeach anns na bliadhnaichean seo seachad, agus cò chanadh nach eil, ’s ann air sgàth ’s gun do shoirbhich leotha ann a bhith a’ cruthachadh an inneil iomairt as fheàrr ann am Breatainn. Anns cha mhòr gach coimhearsnachd de dh’Alba, lorgaidh tu buidheann de luchd-iomairt PNA. Nam b’ urrainn do phàrtaidh eile na ceanglaichean seo a bhriseadh dhèanadh iad sin.

Ach tha trioblaidean a-nis air fàire dhaibh. Mura h-eil reifreann againn ro 2020 agus mura tèid taghadh eile a chumail anns an eadar-ama, bidh sinn ann an suidheachadh neònach. Tha naoi taghaidhean agus dà reifreann air a bhith againn ann an Alba o chionn 2007. Mura tèid taghadh coitcheann eile a ghairm, cha bu chòir gum bi taghadh eile againn, aig ìre poilitigs nàiseanta no ionadail, fad trì bliadhna. ’S ann eadar an taghadh coitcheann ann an 1992 agus na taghaidhean ionadail ann an 1995 an turas mu dheireadh a bha beàrn cho fada againn ann an deamocrasaidh na h-Alba.

Tha e doirbh gu leòr toirt air luchd-iomairt dol a-mach agus obair nuair tha e a’ cur an t-sneachda anns a’ Ghearran nuair a tha taghadh air fàire, ach saoil cò bhios deònach na dorsan a ghnogadh nuair a tha trì bliadhna seach trì mìosan ron ath-thaghadh.

Tha an iomairt Bu Chòir air fad, na tha air fhàgail dheth, anns an dearbh shuidheachadh. Nuair nach eil ceann-uidhe soilleir agad, ciamar a tha fios agad dè an t-slighe as fheàrr dhut gabhail? Bidh e gu math doirbh ach gabhaidh a dhèanamh. Feumaidh sinn uile cuimhneachadh gu bheil sinn nas fhaisge air neo-eisimeileachd na tha sinn air a bhith fad linntean. Ged as fhada a-mach i fhathast, cho fad ‘s a tha sinn deònach beagan dorsan a bharrachd a ghnogadh, ruigear i.