THE Royal National Mod 2021 returns this week with a programme of celebratory cultural events across Inverness and online, largely focused on young Gaels.

After a jam-packed opening weekend, this week kicks off with a free event for Gaelic primary children, titled The Mod Mini Feis, offering the chance to take part in music, crafts and games sessions.

Children up to the age of five will also be able to enjoy TV presenter Linda Macleopd’s Leugh is Seinn le Linda sessions online.

Other youngsters can take part in children’s competitions at Eden Court from 2pm – with a number of those to be broadcast online on Facebook from 7pm.

Meanwhile, North Uist singer Janice Simpson is leading a Gaelic singing session online from 7.30pm – the event is suitable for all ages and levels of Gaelic ability.

READ MORE: Royal National Mod 2021 gets underway at Eden Court, Inverness

Other workshops include the opportunity for Gaelic learners to meet and improve their pronunciation and an online literature event with author Ruaridh Maclean.

At Eden Court’s outdoor venue from 4pm-6pm, there will be live music from Lauren MacColl, Mairearad Green, Anna Massie, Rachel Newton, Arthur Cormack and Emma MacLeod.

James Graham, chief executive officer of An Comunn Gàidhealach, said: “After a busy weekend, we’re excited to keep the momentum going with today’s youth events.

“Young Gaelic speakers hold an incredibly significant role in the future of our community, and today shines a light on their abilities and achievements, with a range of events to support, encourage and champion them. We have already had an action-packed few days so far and there are a whole host of wonderful events yet to come this week that we look forward to welcoming audiences to.”

Shonna MacLennan, ceannard at Bord na Gaidhlig, added: “The Royal National Mòd provides an exciting and attractive range of events for all age groups. Its focus on young people is invaluable in encouraging youngsters to engage with Gaelic and have opportunities to use it in a fun environment. Gaelic learners, of all ages, are vital to the growth of the language and we congratulate An Comunn Gàidhealach for their work.”

The Royal National Mod takes place from October 8-16 at Eden Court Theatre Inverness and online.

The full programme for this year’s Royal National Mòd can be viewed at www.ancomunn.co.uk

*************************************************

An dèidh deireadh-sheachdain a bha loma-làn de thachartasan, tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2021 a’ tilleadh aig toiseach seachdain le prògram saidhbhir a’ comharrachadh thachartasan cultarach air feadh baile-mòr Inbhir Nis.

Chan eil teagamh nach bi a cheart uimhir de nithean tlachdmhor ri fhaighinn air an t-seachdain seo, a’ tòiseachadh mar a tha e le Mion-Fhèis a’ Mhòid ann am Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis. Bidh an tachartas seo a tha an-asgaidh, do chlann le Gàidhlig aig aois bun-sgoile, agus a’ tabhann cothrom air com-pàirteachadh ann an ceòl, ceàird agus seiseanan gheamannan air an stiùireadh le oidean Gàidhlig proifeiseanta.

Tha an fheadhainn bheaga air an deagh choimhead às an dèidh, agus am preasantair TBh as fheàrr leotha air an t-saoghal, Linda NicLeòid, a’ gabhail a seiseanan Leugh is Seinn le Linda air-loidhne madainn an-diugh, do chlann suas gu aois 5.

Tha cuimse air tachartasan òigridh tarsainn a’ Mhòid an-diugh, le cuid de fharpaisean chloinne a’ gabhail àite ann an Cùirt Eden bho 2f. Thèid taghadh de na h-àrd-phuingean bhuapasan a chraobh-sgaoileadh air-loidhne air Facebook bho 7f, dhaibhsan a tha measail air rionnagan an latha a-màireach a thaghadh.

Ach chan e dìreach an òigridh aig a bheil deagh spòrs – bidh an seinneadair à Uibhist a Tuath, Janice Simpson, a’ stiùireadh seisean seinn Gàidhlig air-loidhne bho 7:30f, freagarrach don a h-uile aois agus ìre comais ann an Gàidhlig.

Tha ionnsachadh air-loidhne air fàs anabarrach measail aig luchd-tòiseachaidh na Gàidhlig mar thoradh air soirbheachas a’ phrògraim Ghàidhlig air an app ionnsachaidh cànain, Duolingo. Bidh bùth-obrach na h-oidhche a-nochd a’ tabhann cothrom do luchd-ionnsachaidh coinneachadh ri chèile agus piseach a thoirt air an fhuaimneachadh aca fo oideachadh sgileil aon de na seinneadairean as grinne ann an saoghal nan Gàidheal.

READ MORE: Royal National Mod organisers hail successful opening weekend

Am measg thachartasan eile air-loidhne a bhios a’ gabhail àite an-diugh, tha tachartas litreachais sònraichte le Ruairidh MacIlleathain. A’ tarraing air an leabhar aige a dh’fhoillsich e o chionn ghoirid, A Watery View: Place Names of Inverness and Surrounding Area, bidh Ruairidh a’ toirt luchd-èisteachd air-loidhne bho chladaichean Loch Nis gu boglaichean a’ Mhonaidh Mhòir, ann an còmhradh a tha a’ gealltainn a bhith inntinneach is oideachail.

Mar a bhios an-còmhnaidh, a thuilleadh air tachartasan air-loidhne, bidh ceòl beò anns an ionad a-muigh aig Cùirt Eden an-diugh bho 4f – 6f, air a ruith le Fèisean nan Gàidheal.

A’ coimhead air adhart ris a’ chòrr den t-seachdain, is e àrd-phuing na seachdaine, ciad thaisbeanadh air obair ùr Lauren NicCholla leis an ainm ‘An Ear / East’ air Dimàirt 12 Dàmhair. Tha am pìos seo air a bhrosnachadh leis na costaichean is uisgeachan mu thimcheall Inbhir Nis agus an Eilein Dhuibh, far an do rugadh agus thogadh am fìdhlear ’s an sgrìobhadair ciùil.

A’ taisbeanadh ghnìomhaidhean ciùil bho Mairearad Green, Anna Massie agus Raonaid Newton, agus òrain bho Art MacCarmaig agus Emma NicLeòid, tha am feasgar a’ gealltainn a bhith na thachartas dhrùidhteach is shònraichte.

Thuirt Seumas Greumach, Àrd-Oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “An dèidh deireadh-sheachdain thrang, tha sinn miannach air an aon soirbheachas a chumail a’ dol le tachartasan òigridh an latha an-diugh.

“Tha àite anabarrach cudromach aig luchd-labhairt òg le Gàidhlig anns a’ choimhearsnachd againn san àm ri teachd, agus tha an-diugh a’ soillseachadh solas air an comasan ’s air an coileanaidhean, le raon de thachartasan airson taic, brosnachadh agus buaidh a thoirt dhaibh. Tha beagan làithean làn de ghnìomhachdan air a bhith againn mar-thà gu ruige seo, agus tha àireamh mhòr de thachartasan mìorbhaileach fhathast ri thighinn air an t-seachdain seo, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri fàilte a chur air luchd-èisteachd thuca.”

Thuirt Shona NicIllinnein, Ceannard, Bòrd na Gàidhlig: “Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ cur air bhonn raon de thachartasan brosnachail agus tarraingeach do gach buidheann aoise. Tha a chuimse air daoine òga fìor luachmhor ann a bhith a’ brosnachadh na h-òigridh a dhol an sàs ann an Gàidhlig agus mar sin a’ faotainn chothroman dhaibh a cleachdadh ann an àrainneachd spòrsail. Tha luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig de gach aois deatamach do fhàs air a’ chànan agus tha sinn a’ cur mealadh naidheachd air a’ Chomunn Ghàidhealach mar thoradh air an cuid obrach.”

Bidh am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2021 a’ gabhail àite bho Dihaoine 8 - 16 Dàmhair 2021 ann an Cùirt Edan ann an inbhir Nis. A’ cleachdadh modh-obrach tar-chinealach, bidh measgachadh de chuirmean-ciùil is fharpaisean a’ gabhail àite gu pearsanta, a thuilleadh air clàr daineamach de ghnìomhaidhean air-loidhne a bhios gan craobh-sgaoileadh fad na seachdaine.

Bidh àireamh de cheumannan sàbhailteachd COVID nan àite airson Mòd na bliadhna seo ann an co-rèir ri stiùiridhean an riaghaltais, gus luchd-èisteachd agus farpaisich a chumail sàbhailte, a’ gabhail a-steach glanadh mionaideach agus sgrùdaidhean sàbhailteachd leantainneach COVID, tomhaisean slàinteachais cùramach, cleachdadh còmhdach aodainn agus sgrùdaidhean trac is lorg.

Bidh àrd-phuingean an t-subhachais a’ gabhail a-steach nam prìomh fharpaisean, farpais chrìochnachaidh Bonn Òir a’ Chomuinn Ghàidhealaich agus Bonn Òir an t-Seann Nòis. Bidh gnìomhaidhean nach bu chòir a chall cuideachd ann bho “fuaim ùr Alba thraidiseanta” Donnchadh Siosalach, am fìdhlear Lauren NicCholla, buidheann ùr Staran, Còmhlan Cèilidh Ghleann Fhionnainn, an seinneadair ainmeil Gàidhlig Maighread Stiùbhart, agus mòran eile.

Tha an fhèis chliùiteach seo a chaidh a stèidheachadh ann an 1891, a’ faotainn taic bho Bhòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd, EventScotland, Riaghaltas na h-Alba, HIE, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, Maoin Mhath Choitcheann Inbhir Nis agus SQA.

Faodar prògram iomlan Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo fhaicinn aig www.ancomunn.co.uk. Tiogaidean rim faotainn len ceannach bho oifis Chùirt Eden aig www.eden-court.co.uk.