SUMMARY:
There have been renewed calls this week for scrapping shorter prison sentences all across the UK. Given that reoffending is now at a 19-year-low, with the scrapping of prison sentences shorter than three months in 2010 likely a factor, it seems right that we expand further on trying to rehabilitate some of our offenders within the community, rather than throwing them in prison.
GLOSSARY:
Binn Legal – sentence
Ministear nam Prìosan – Minister of State for Prisons
THA còmhraidhean air a bhith a’ dol fad bhliadhnaichean a-nis air dè ghabhas dèanamh mu phrìosanaich air feadh na Rìoghachd Aonaichte a fhuair binn ghoirid sa phrìosan airson eucoir air choreigin. Tha am Ministear nam Prìosan Rory Stiùbhart air moladh a-rithist an t-seachdain seo gum bu chòir do Shasainn agus don Chuimrigh cur às gu cunbhalach do bhinnean nas giorra na sia mìosan a dh’fhaid, agus e den bheachd gun dèanadh iad seo barrachd cron na feum. Bhiodh seo a’ ciallachadh gum faigheadh timcheall air 30,000 à ceann a deas Bhreatainn às le binn prìosain, mèirlich nam measg. Cha bhiodh seo fosgailte do dh’eucoraich a bha an sàs ann am fòirneart neo drabastachd, ge-tà.
Tha e cuideachd air tighinn am follais a-rithist ann an Alba an t-seachdain seo gu bheil ar prìosanan a’ taomadh le daoine. Tha e coltach gun robh Prìosan a’ Bhlàir Lèanaich ag obair aig ìre 139 às a’ cheud de chomas-làimhseachaidh san Dùbhlachd agus gun robh Inbhir Nis ag obair aig ìre 137 às a’ cheud. Bu chòir dhuinn uile a bhith draghail na figearan seo a leughadh (figearan nach eil idir às an àbhaist) – tha seachd prìosanan eile san dùthaich a’ dèiligeadh ri barrachd phrìosanach na bu chòir, sin naoi a-mach à còig-deug san dùthaich uile gu lèir.
Tha tòrr thrioblaidean an lùib a bhith a’ feuchainn ri tuilleadh is cus a thoirt air bòrd, gu h-àraid nuair a tha sinn a’ bruidhinn air eucoraich: tha e duilich tèarainteachd nam prìosanach agus an luchd-obrach a ghlèidheadh ma chuireas dòmhlachadh sluaigh cuideam air na seirbheisean sa phrìosan. Tha e cuideachd doirbh do dh’oifigearan is luchd-taic prìosanaich ath-ghnàthachadh ma tha cus dhiubh ann. Tha Libearalaich Dheamocratach na h-Alba air an aon seòrsa ràmh ri Rory Stiùbhart ann an Sasainn agus sa Chuimrigh, ach gu bheil iadsan a’ moladh gum bu chòir don riaghaltas cur às do bhinnean sa phrìosan a tha nas giorra na bliadhna a dh’fhaid, agus gum bu chòir binnean daingeann a chur an gnìomh a tha stèidhichte sa choimhearsnachd.
Dhòmhsa dheth, tha mi ag aontachadh leis na Libearalaich Dheamocratach. A’ coimhead air àireamhan de dhaoine a tha air feuchainn ri làmh a chur nam beatha fhèin ann am prìosanan a leithid Prìosan Poll a’ Mhonaidh, chaochail Uilleam Lindsay san dòigh seo an-uiridh ’s e fo bhinn de thrì mìosan aig aois 16. Mhair e trì seachdainean sa phrìosan. Thuirt a mhàthair gun robh e air innse do luchd-obrach a’ phrìosain gun robh e airson cur às dha fhèin agus gun robh e feumach air taic le shlàinte-inntinn fiù ’s mus deach a chur fo ghlais. Nam biodh e air pàigheadh airson a chuid eucoir sa choimhearsnachd is taic aige bho a theaghlach aig an àm seo, math dh’fhaodte nach biodh an sgeulachd cho duilich agus gum biodh am fear òg fhathast beò. Is tha na ceudan ann coltach ris. Cha dèan prìosan dad a dh’fheum dhaibh, ach ’s e taic agus stiùireadh le fèin-leasachadh a tha a dhìth – stiùireadh a dh’fhaodadh a bhith stèidhichte sa choimhearsnachd.
Gu dearbh, tha cuid mhath de dh’eucoraich airidh air a’ phrìosan. Ach, don fheadhainn nach eil ach air aon mhearachd uabhasach a dhèanamh, dh’fhaodadh siostam prìosain an cur air an t-slighe cheàrr buileach glan. Mar a thuirt Rory Stiùbhart, “Bheir thu cuideigin a-staigh airson trì neo ceithir seachdainean, caillidh e a dhachaigh, obair, a theaghlach, a chliù.” Thuirt e cuideachd gun tig mòran don phrìosan agus gun coinnich iad ri eucoraich na bu chruaidhe agus na bu chunnartaiche buileach ann. Dh’fhaodte nach eil iad a’ faireachdainn gu bheil iad sàbhailte am measg nan daoine seo, neo dh’fhaodte gun tòisich iad air obrachadh còmhla riutha agus gun tèid iad an sàs ann an eucoir aig ìre nas miosa. Mar sin, cha bhiodh an cothrom seo ann mura b’ e gun robh iad fo bhinn prìosain airson mion-eucoir air choreigin sa chiad dol a-mach.
Tha mi deimhinne às gu bheil dòigh nas fheàrr ann dèiligeadh ri daoine a tha ciontach de mhion-eucoirean agus deagh sheans gur e ath-ghnàthachadh sa choimhearsnachd an dòigh as freagarraiche. Ach dh’fheumadh barrachd chothroman a thoirt dhaibh na bhith a’ toirt orra sgudal a thogail bhon t-sràid – tha barrachd taic a dhìth orra. Dh’fheumar reachdas agus stiùireadh a chur air dòigh gus sùil a chumail air adhartas agus leasachadh nan daoine seo. Tha dearbhadh ann mar-thà gu bheil ìrean ath-chiontachaidh air lùghdachadh on a chaidh stad air binn prìosain na bu ghiorra na trì mìosan gu cunbhalach sa bhliadhna 2010.
Tha ìrean ath-chiontachaidh air lùghdachadh 22 às a’ cheud o 2007 agus tha iad aig an ìre as ìsle ann an naoi bliadhna deug an-dràsta. Nach eil buannachd air choreigin ann a bhith a’ stiùireadh dhaoine a tha air mearachd a dhèanamh nam beatha no nach eil air a bhith eòlach air beatha sam bith eile gu dòigh-giùlan na b’ fheàrr an àite a bhith gan sadail dhan phrìosan?
Why are you making commenting on The National only available to subscribers?
We know there are thousands of National readers who want to debate, argue and go back and forth in the comments section of our stories. We’ve got the most informed readers in Scotland, asking each other the big questions about the future of our country.
Unfortunately, though, these important debates are being spoiled by a vocal minority of trolls who aren’t really interested in the issues, try to derail the conversations, register under fake names, and post vile abuse.
So that’s why we’ve decided to make the ability to comment only available to our paying subscribers. That way, all the trolls who post abuse on our website will have to pay if they want to join the debate – and risk a permanent ban from the account that they subscribe with.
The conversation will go back to what it should be about – people who care passionately about the issues, but disagree constructively on what we should do about them. Let’s get that debate started!
Callum Baird, Editor of The National
Comments: Our rules
We want our comments to be a lively and valuable part of our community - a place where readers can debate and engage with the most important local issues. The ability to comment on our stories is a privilege, not a right, however, and that privilege may be withdrawn if it is abused or misused.
Please report any comments that break our rules.
Read the rules here