LEIS cho caochlaideach ’s a tha ar saoghal an-diugh, tha mi iomagaineach mu sgrìobhadh air cuspair sam bith air eagal ’s nach bi e fhathast beantainneach nuair a thèid a chur an clò! Ach, bha naidheachd ann a ghlac m’ aire às na h-eileanan an t-seachdain seo am measg a’ ghòraiche sa chòrr dhen t-saoghal – gun robh iad am beachd cur às do sheirbheis nam bhanaichean leabharlainn anns na h-Eileanan an Iar airson airgead a shàbhaladh. Chuir seo uabhas orm, ’s mi a’ smaoineachadh air mo sheanmhair fhèin a bha a’ fuireach ann an Dùn Bheagain, agus cho math ’s a bha e a’ còrdadh rithe nuair a thigeadh bhan a’ leabharlainn timcheall a’ chòrnair gach trì seachdainean gus am faigheadh i nobhailean air choreigin eile ri leughadh.

Ma tha sibh cho fortanach agus gu bheil sibh a’ fuireach faisg air leabharlann, ’s dòcha nach bi sibh idir eòlach air an t-seirbheis seo. Ann an sgìre an Eilein Sgitheanaich agus Loch Aillse co-dhiù, thèid iad air feadh nam bailtean, bho Ràtagan gu Glas na Cille, shuas Gleann Hìonasdail agus do gach ceàrn dhen sgìre son na seirbheis a thabhainn. ’S e fìor dheagh sheirbheis a th’ innte, agus i fhathast air a deagh chleachdadh le muinntir an àite – a’ toirt iomadach sgrìob thall sa bhos air feadh na sgìre thairis air na bliadhnaichean bhon a thòisich i.

Chuir Comhairle nan Eilean Siar dà bhideo laghach ri chèile aig toiseach na bliadhna an-uiridh mun t-seirbheis acasan, a’ leantainn dràibhear na bhana agus a’ bruidhinn ris an fheadhainn a rinn feum den t-seirbheis air an t-slighe. Dh’inns iad uile gur i seirbheis luachmhor a bha seo dhaibh airson iomadh diofar adhbhar – clann òga agus pàrantan aig an taigh còmhla riutha, daoine a bhiodh ag obair air an cinn fhèin aig an taigh, agus seann daoine aig nach robh coimpiutairean neo teicneòlas sam bith airson leabhraichean fhaotainn. Gabhaidh òrdugh a chur a-staigh airson leabhraichean sam bith nach eil aca sa bhan, agus mar sin, chan eil cus leabhraichean ann nach gabh a lorg dhaibh.

Tha làn fhios againn uile cho feumail ’s a tha leabhraichean do ar cuid foghlaim, ach tha iad cuideachd air leth cudromach mar chur-seachad, gu h-àraid do dhaoine na bu shine nar coimhearsnachdan. Cha robh dòigh aig mo sheanmhair faighinn don leabharlann ann am Port Rìgh mura faigheadh i lioft – tha fios againn uile cho truagh ’s a tha busaichean nan eilean – ach thigeadh bhan a’ leabharlainn chun an dorais agus cha b’ fheudar Granaidh ach ceum neo dhà a ghabhail a-mach às an taigh gus rudeigin a thaghadh a bheireadh toileachas dhi agus a chuireadh seachad na h-ùine dhi. ’S iomadh latha a thuirt i gun do smaoinich i air leabhraichean mar a deagh charaidean.

Ann am bhideothan na Comhairle, bha mòran a’ bruidhinn air taobh sòisealta na bhana agus cho cudromach ’s a bha sin do dhaoine nach biodh a’ faicinn dhaoine ach glè ainneamh mura biodh seirbheisean mar seo aca. ’S e fìor dheagh chothrom a th’ ann do dhaoine a bhith a’ coinneachadh agus a’ cabadaich – bha e riamh a’ còrdadh ri mo sheanmhair a bhith a’ craic ris an fheadhainn a bhiodh ga dràibheadh, agus tha sin a cheart cho cudromach do na seann daoine sna coimhearsnachdan iomallach againn ’s a tha na leabhraichean fhèin – ’s dòcha na bu chudromaiche buileach! Ged a tha chanas sinn gu bheil ar coimhearsnachdan dlùth sna h-eileanan, tha làn fhios againn gum faod an saoghal beag sin a bhith aonranach aig amannan.

Tha na prionnsabalan seo a cheart cho cudromach nuair a tha sinn a’ bruidhinn air seirbheisean eile a leithid bhanaichean-banca, agus ar bancaichean san fharsaingeachd. Chan eil a h-uile duine fhathast comasach air bancadh a dhèanamh air-loidhne, agus chan eil fiù ’s a h-uile seirbheis againn ri làimh air- loidhne fhathast. Gu fortanach, tha iad a-nis an dùil Banca Rìoghail na h-Alba ann am Bàgh a’ Chaisteil a chumail fosgailte a dh’aindeoin planaichean dùnaidh na bu thràithe sa bhliadhna, a’ ciallachadh nach bi a-nise aig muinntir Bharraigh ri siubhal a dh’Uibhist gus cuid de sheirbheisean fhaotainn. Nach math sin?

Tha a’ Chomhairle a-nis air aontachadh na bhanaichean leabharlainn a chumail a’ dol an-dràsta co-dhiù, taing do Shealbh, ach tha an t-àm ann aire a tharraing gu cho deatamach ’s a tha seirbheisean mar seo do na coimhearsnachdan iomallach againn. ’S fhiach na seirbheisean a chumail agus a bhith gam meas prìseil. Nan cuireadh iad às dhaibh, chailleamaid conaltradh agus ceanglaichean sònraichte eadar coimhearsnachdan agus na daoine a tha a’ tàmh annta: coimhearsnachdan a tha air crìonadh mar thà. Tha luach anns na seirbheisean seo do na mìltean a bhios gan cleachdadh agus ann a bhith a’ strì an aghaidh na h-aonranachd ann an saoghal caochlaideach, didsiteach a tha an impis làmh-an-uachdair fhaighinn oirnn an-diugh.

SUMMARY:

We must consider our more rural communities when cutting services such as our mobile libaries – they are vital to our elderly, to those who work from home, to new parents and young children amongst thousands of others.

GLOSSARY:

Bhan a’ Leabharlainn – Mobile Library

Caochlaideach – Unstable/Volatile