Nuair a chaidh Prionnsa Mohammed Bin Salman ainmeachadh mar oighre a’ chrùin ann an Rìoghachd Aràibia nan Sabhd an-uiridh, bha cuid an dòchas gun cuireadh e an dùthaich air slighe beagan nas adhartaiche. Lùghdaich e na h-ìrean uabhasach de chasgan a tha air boireannaich na dùthcha, a’ leigeil le cuid dhiubh dràibheadh airson a’ chiad uair, mar eisimpleir.
Ach tha e soilleir nach robh còir aig dòchas a bhith aig duine sam bith agus gu bheil Bin Salman gus a chumhachd a chleachdadh ann an dòighean cho brùideil ’s a ghabhas. Agus tha e coltach gu bheil e deònach na dòighean brùideil sin a sgaoileadh gu dùthchannan eile cuideachd.
’S e am prionnsa, a tha na Leas-Phrìomh Mhinistear, na dhreuchd Rùnaire Dìon, as coireach ris a’ chogadh a tha an Rìoghachd a’ sabaid ann an Iemen. Chan eil dùthaich air an t-saoghal ann an suidheachadh cho èiginneach ‘s a tha Iemen air sgàth a’ chogaidh sin. Thug na Dùthchannan Aonaichte seachad rabhadh anns an Dàmhair gun robh cunnart ann gun adhbhraicheadh an cogadh gort a bhuaileadh air còrr is 13 millean neach san dùthaich.
Chan e an cogadh sin a-mhàin a tha air cliù Bin Salman a sgrios. Anns an Dàmhair, chaidh Jamal Khashoggi, fear-naidheachd a bha air an Rìoghachd a chàineadh na sgrìobhaidhean, a-steach dhan ambasaid Shabhdaich anns an Tuirc agus chan fhaca duine a-rithist e. Chan eil teagamh sam bith nach deach a mharbhadh an sin. Dh’fhoillsich an CIA gu bheil iad air co-dhùnadh gum b’ e Bin Salman fhèin a thug seachad an t-òrdugh am fear-naidheachd a mhurt.
Às dèidh marbhadh an sgrìobhadair, thuirt Seansalair na Gearmailt, Angela Merkel, nach reiceadh iad buill-airm sam bith dhan dùthaich. Chuir iad stad air reicean a bha mar-thà air aontachadh leotha, is iad ag ràdh nach robh iad deònach buill-airm a reic dhaibh gus an rachadh am freagairt air na thachair do Khashoggi.
Ron chasg seo ’s ann do dh’Aràibia nan Sabhd a reic a’ Ghearmailt an dàrna àireamh as motha de bhuill-airm am bliadhna, a’ reic bhuill-airm de luach còrr is €400m dhaibh. Bha cuid anns a’ Ghearmailt ag iarraidh air an riaghaltas aca sgur dheth co-dhiù, air sgàth a’ chogaidh ann an Iemen agus nan eucoirean an aghaidh còirichean dhaoine anns an Rìoghachd ach thug an tachartas seo leisgeil do riaghaltas na Gearmailt sin a chur an gnìomh.
Gu mi-fhortanach, chan eil teans gun lean an Rìoghachd Aonaichte eisimpleir na Gearmailt. Thar deicheadan tha an RA air buill-airm a reic ris na Sabhdaich agus air ola a ghabhail air iomlaid air an son ann an sreath chùmhnantan ris an canar Còrdadh Armachd Al-Yamamah, an sreath chùmhnantan as motha, cha mhòr, ann an eachdraidh malairt nam ball-airm.
On a thòisich an cogadh ann an Iemen, ann an 2015, tha buidhnean leithid Human Rights Watch agus iomadh neach-naidheachd air cumail a-mach gun do chleachd feachdan Sabhdach buill-airm Bhreatannach an aghaidh shìobhaltaich.
Tha Riaghaltas Bhreatainn eòlach air na casaidean seo ach chan eil iad air dad a dhèanamh gus stad a chur air a’ chogadh, no air Aràibia nan Sabhd a’ cleachdadh buill-airm Bhreatannach anns an dòigh seo. Tro bhith a’ leigeil leotha, tha Riaghaltas Bhreatainn a’ sealltainn dhan chòrr den t-saoghal gu bheil iad deònach buill-airm a reic agus coma leotha ciamar a thèid an cleachdadh.
Ged a tha iad ciontach, chan e an riaghaltas a-mhàin as coireach. Cha chreid mi gum bhiodh Jeremy Hunt gu cus feum ann am factaraidh armachd. Tha aig daoine, luchd-obrach, ris na h-innealan agus an teicneòlas seo a chruthachadh agus a thogail. Agus tha dleastanas moralta air luchd-obrach cuideachd.
Nochd film na bu thràithe am bliadhna-sa “Nae Pasaran” air an dearbh chuspair sin. Tha am film aithriseach ag innse mar a dhiùlt luchd-obrach ann am factaraidh Rolls-Royce ann an Cille Bhrìde an Ear obair a dhèanamh air einnseanan plèana nuair a lorg iad gun robhar gus an cleachdadh le feachd-adhair Chile, às dèidh dhan deachdaire Pinochet smachd a ghabhail gu fòirneartach thar na dùthcha a’ bhliadhna roimhe.
Thuig an luchd-obrach seo gun robh dleastanas moralta orra cuideachd agus bha iad ceart. Tha an dearbh dhleastanas sin air duine sam bith agus dìreach leis mar a tha teaghlach agad no morgaids, chan eil sin na leisgeul.
Às dèidh Brexit, bidh an Rìoghachd Aonaichte, no co-dhiù na tha air fhàgail dhith, a’ sireadh dreuchd ùr anns an t-saoghal agus a-rèir coltais, chan eil iad airson casg sam bith a chur air cothrom airgead a dhèanamh. Coma leotha sìobhaltaich ann an Iemen no corp sgrìobhadair a bha dàna gu leòr gus rìoghachd bhrùideil a chàineadh.
Ann an Alba neo-eisimeileach, bidh roghainnean doirbh againn ri dhèanamh aig iomadh àm. Ach cha bhi seo air aon dhiubh. Mura h-eil sinn deònach còirichean-daonna a dhìon ann an dùthchannan eile, chan fhada gus nach bi cus dhiubh air fhàgail againn an seo.
Glossary:
Aràibia nan Sabhd – Saudi Arabia
Oighre – Heir
film aithriseach – Documentary Film
Iemen – Yemen
Why are you making commenting on The National only available to subscribers?
We know there are thousands of National readers who want to debate, argue and go back and forth in the comments section of our stories. We’ve got the most informed readers in Scotland, asking each other the big questions about the future of our country.
Unfortunately, though, these important debates are being spoiled by a vocal minority of trolls who aren’t really interested in the issues, try to derail the conversations, register under fake names, and post vile abuse.
So that’s why we’ve decided to make the ability to comment only available to our paying subscribers. That way, all the trolls who post abuse on our website will have to pay if they want to join the debate – and risk a permanent ban from the account that they subscribe with.
The conversation will go back to what it should be about – people who care passionately about the issues, but disagree constructively on what we should do about them. Let’s get that debate started!
Callum Baird, Editor of The National
Comments: Our rules
We want our comments to be a lively and valuable part of our community - a place where readers can debate and engage with the most important local issues. The ability to comment on our stories is a privilege, not a right, however, and that privilege may be withdrawn if it is abused or misused.
Please report any comments that break our rules.
Read the rules here