Chaidh deireadh a’ Chiad Chogaidh a chomharrachadh ann an iomadh dòigh an t-seachdain-sa chaidh. Nuair a thàinig tost air na gunnaichean air an 11mh latha den t-Samhain, feumaidh gun robh muinntir na h-Eòrpa an dùil gun rachadh sìth mhaireannach a chruthachadh. Ach cha b’ e sin a thachair.

Dihaoine chomharraicheadh ochdad bliadhna on oidhche de dh’fhòirneart anns a’ Ghearmailt agus san Ostair ris an canar Kristallnacht. Cha robh fiù ’s fichead bliadhna eadar deireadh a’ Chiad Chogaidh agus an tachartas a tha a’ riochdachadh toiseach an Olocoist.

Thugadh ionnsaighean air togalaichean aig an robh buinteanas sam bith ris a’ choimhearsnachd Iùdhaich. Loisgeadh 1,400 sionagog. Chaidh bùithtean, gnìomhachasan, cladhan agus fiù ’s ospadalan cloinne a sgrios. A bharrachd air na h-ionnsaighean chaidh còrr is 30,000 Iùdhach a chur an greim an oidhche ud agus a thoirt do champaichean leithid Buchenwald is Dachau. Mar sin tha e doirbh a thomhas cia mheud neach a dh’eug an oidhche sin no às a dèidh. Mharbhadh co-dhiù 91 neach, agus chaidh na mìltean a ghoirteachadh. Chuir an riaghaltas Nàsach a’ choire air a’ choimhearsnachd Iùdhaich fhèin airson na dh’fhuiling iad agus thug iad orra 1 bhillean Reichsmark, mu £300 millean an latha an-diugh, a phàigheadh airson a’ mhillidh a rinneadh.

’S ann às dèidh Kristallnacht a chaidh iomairt Kindertransport a chur air dòigh, iomairt a leig le còrr is 10,000 de chloinn Iùdhaich tighinn dhan Rìoghachd Aonaichte. Tha e doirbh fiù ’s tuigsinn an t-eagal a bheireadh ort do chlann a chur ann an cùram coigrich ann an dùthaich chèin. Ach thuig na pàrantan a ghabh pàirt ann, as dèidh Kristallnacht, dìreach cho cunnartach is a bha an suidheachadh aca.

’S e am pàrtaidh Nàsach a chuir air dòigh Kristallnacht ach ghabh tòrr Ghearmailteach nach robh nam ball den phàrtaidh pàirt ann cuideachd. Agus nuair a chunnaic na Nàsaich sin thug e spionnadh mòr dhaibh. Cha do sguir am fòirneart a thòisich an oidhche ud gus an do shaoradh na campaichean aig crìoch an dàrna cogaidh.

Nan robh na Nàsaich air a leithid fheuchainn nuair a ghabh iad smachd air a’ Ghearmailt ann an 1933, is cinnteach gum biodh cùisean eadar-dhealaichte. Ach mean air mhean thairis air na còig bliadhnaichean sin chaidh còirichean nan Iùdhach a lùghdachadh agus dh’fhàs muinntir na Ghearmailt cleachdte ri dòighean borba nan Nàsach. Dh’fhàs iad nas fheàrr air coimhead an rathad eile.

Nan robh na Gearmailtich àbhaisteach air èirigh còmhla ri an nàbaidhean Iùdhach an aghaidh nan ionnsaighean seo, cò aig a tha fios nach biodh an t-Olocost ann idir. Ach cha do dh’èirich. Sheas iad a thaobh a’ coimhead an nàbaidhean gan cur an greim agus an taighean nan teine agus, a bharrachd air àireamh glè bheag dhiubh, cha do rinn iad dad gus an cuideachadh.

Tha a’ ghràin shònraichte sin fhathast ro chumanta, fiù ’s anns a’ Ghearmailt an latha an-diugh, mar a dh’aidich Angela Merkel ann an òraid a’ cuimhneachadh Kristallnacht Dihaoine. Air feadh an t-saoghail tha ionnsaighean an aghaidh nan Iùdhach a’ fàs nas cumanta uair eile. Cola-deug air ais chaidh dusan a mhurt ann an sionagog anns na Stàitean Aonaichte, anns an ionnsaigh as miosa ann an eachdraidh na coimhearsnachd Iùdhaich anns an dùthaich sin.

Cha do dh’fhuiling coimhearsnachd anns an 20mh linn mar a dh’fhuiling na h-Iùdhaich ach fhathast tha an galar uabhasach sin nar measg, gràin an aghaidh a’ bhuidhinn seo gu sònraichte. Feumaidh gach ginealach strì agus soirbheachadh an aghaidh na gràin sin. Ach tha barrachd againn ri ionnsachadh bho Kristallnacht. Cha chreid mi nach eil bliadhnaichean cunnartach romhainn. Tha ceannardan dhùthchannan air feadh an t-saoghail, bho Bhraisil gu Na h-Eileanan Filipineach, agus bhon Ungair chun nan Stàitean Aonaichte, deònach a’ choire a chur airson trioblaidean na dùthcha air mion-shluaghan.

Tha an cunnart a’ fàs anns an dùthaich seo gu sònraichte agus le bhi fàgail an Aonaidh Eòrpaich chan fhàs cùisean ach nas cunnartaiche. Chan eil deachdaireachd againn anns an Rìoghachd Aonaichte agus chan e Nàsaich a tha anns na Tòraidhean. Ach mar-thà, tha cus nar measg a’ brosnachadh gràin, an aghaidh iomadh buidheann.

Chan eil earbsa sam bith agam gun dìon na Tòraidhean còirichean daonna às dèidh Brexit. Mean air mhean thèid air còirichean a ghiorrachadh cho luath ’s a tha sinn air an t-Aonadh Eòrpach fhàgail. Aig an dearbh àm, lagaichidh an eaconamaidh, tuitidh luach an not agus cha bhi dòigh aig an Riaghaltas air sin a chàradh. Mar-thà tha gnìomhachasan a’ fàgail na dùthcha agus dreuchdan gan call agus chan fhàs sin ach nas cumanta anns an àm ri teachd.

Anns an t-suidheachadh sin, cuiridh cuid a’ choire air buidhnean eile, mar a tha iad a’ dèanamh mar-thà. Feumaidh sinn dèanamh cinnteach nach eil sinn deònach coimhead an rathad eile nuair a thachras sin. Oir chan eil luach sam bith ann an cuimhneachadh gun ionnsachadh agus gun atharrachadh.

SUMMARY:
Last week marked the 80th anniversary of Kristallnacht, the pogrom in Nazi-controlled lands against the Jewish people, which can be seen as the start of the Holocaust. Those attacks were only possible with the co-operation, active and passive, of the majority of German people. We have a responsibility to resist all leaders who would have us blame the problems we face on any minority. As the economic cataclysm of Brexit looms, we have to remember that.

GLOSSARY:
An t-Olocost – The Holocaust

Mion-shluaghan – Minorities

Maireannach – Lasting, enduring

Sionagog – Synagogue