Yet another Hebridean tourist season begins with disruption on a number of ferry routes, as a result of an aging fleet. With recent studies showing the real threat of population decline in the areas that depend on these services, it is time we started planning a renewal of the whole fleet. Rural Scotland and our island communities will never be the priority of a British Government, and even independence offers only an opportunity, not a
guarantee, to give these communities the service and infrastructure they need to survive.

MAR bhios fios aig muinntir nan eilean, tha an MV Clansman ga càradh anns an Danmhairg agus a’ toirt nas fhaide na bhathas an dùil. Dh’fheuch CalMac ri cuid de na seirbheisean aca atharrachadh an t-seachdain sa chaidh gus dèiligeadh ris an dàil sin ach bha e cho connspaideach is gun robh aca ris na h-atharrachaidhean atharrachadh às dèidh beagan làithean. Thug an ùpraid buaidh air seirbheisean a bhios a’ frithealadh deich puirt eadar-dhealaichte thairis air aon de na deiridhean-seachdain a bu trainge den bhliadhna.

Gach samhradh bidh connspaidean ann, oir gach samhradh bidh feum aig bàta air choireigin a bhith air a chàradh. Ged nach bi mi an-còmhnaidh ag aontachadh leotha, chan ann a’ cur sìos air CalMac a tha mi, tha iad a’ dèanamh an dìchill leis na th’ aca. Thug stiùiriche ùr CalMac Robbie Drummond seachad rabhadh an t-seachdain sa, ag ràdh gu bheil leth den chabhlach aca mar-thà còrr is 25 bliadhna a dh’aois, agus ochd dhiubh còrr is 30 bliadhna. Cha tig an aois leatha fhèin. Mar as sine a dh’fhàsas na bàtaichean-aiseig ’s ann as trice a bhios càradh a dhìth orra, agus ’s ann as fhaide a bheir an obair càraidh.

Thug Ministear Còmhdhail agus Eileanan na h-Alba Humza Yousaf gealltanas seachad gur ann a dh’ Ìle a thèid an ath bhàta-aiseig CalMac a thèid a thogail. Is cinnteach gu bheil na h-Ìlich toilichte a leithid a chluinntinn ach cuiridh mi geall gu bheil gu leòr ann an, uill, gach eilean eile nach eil cho toilichte. Oir chan e aon bhàta-aiseig ùr a tha a dhìth. ’S e an fhìrinn a th’ ann gu bheil feum againn air grunn dhiubh.

Thèid na coimhearsnachdan seo a dholaidh às aonais seirbheisean aiseig. Tha e cuideachd fìor gum bu chòir do sheirbheisean adhair eadar na h-eileanan agus tìr-mòr a’ dol am meud cuideachd, ach chan urrainn dhut còig tunnachan maoraich a chur air Twin Otter.

Tha sgìrean dùthchail na h-Alba ann an suidheachaidhean cugallach agus tha seo gu h-àraid fìor anns na h-eileanan. Tha eaconomaidh a’ mhòr chuid dhiubh a-nis an crochadh air turasachd, agus cho luath ’s a thig atharrachaidhean sam bith air slighean nam bàtaichean-aiseig, bidh droch bhuaidh air a’ ghnìomhachas chudromach sin. Ach nan robh còmhdhail nas fheàrr eadar nan eilean agus an tìr-mòr cha bhiodh an uibhir de dh’fheum aig eaconomaidhean na sgìre an eisimeil luchd-turais chun na h-aon ìre. Tha rannsachadh ùr air dearbhadh cho cugallach ’s a tha cùisean.

Dh’fhoillsich am buidheann rannsachaidh an James Hutton Institute am mìos sa chaidh aithisg mu dheidhinn crìonadh sluaigh anns na sgìrean de dh’Alba aig nach eil ach àireamhan beaga de shluagh mar-thà. Anns na sgìrean seo, SPA no Sparsley Populated Areas mar a th’ aca orra, cha ruigear baile de chòrr is 10,000 neach às dèidh dhut siubhal fad leth-uair air rathad no ann am bàta-aiseig. ’S e dòigh aithneachadh fearainn fada nas fheàrr na an sgudal a tha sinn air cluinntinn mu dheidhinn Talamh Fiadhaich, no Wild Land, anns na bliadhnaichean seo chaidh.

Mar sin ’s e SPA a th’ anns a’ mhòr-chuid de na h-Eileanan an Iar, a bharrachd air Steòrnabhagh agus iadsan a tha a fuireach mun cuairt oirre. ’S e SPA cuideachd a th’ anns a cnap a bu mhotha den Ghàidhealtachd agus Earra-Ghàidheal cuideachd. A rèir na h-aithisg, a chleachd fiosrachadh bhon chunntas-sluaigh, tha na sgìrean seo ann an cunnart crìonadh-sluaigh mòr fhaicinn, mu chairteil anns an ath thrì deicheadan. Às aonais prògram mòr gus ath-nuadhachadh cabhlach CalMac, tha e doirbh a chreidsinn nach biodh na h-àireamhan sin na bu mhotha.

Chan eil teagamh gu bheil ceistean ath-leasachadh an fhearainn cudromach cuideachd ach cò chanadh nach eil adhartasan mòra agus guthan gan togail air a’ chuspair sin, an coimeas ri còmhdhail.

Tha dìth nam bàtaichean-aiseig a’ cur bacadh air fàs nan coimhearsnachdan seo, agus aig an dearbh àm, coimhearsnachdan eile ann an Alba a tha ann an suidheachaidhean cugallach air sgàth ’s cho falamh is a tha na gàrraidhean-shoithichean. An-diugh, mar as trice ’s ann an eisimeil air cùmhnantan airson a’ Chabhlaich Rìoghail a tha am beagan de ghàrraidhean-shoithichean a tha air fhàgail. Ach bha feum aig Breatainn air longan-cogaidh, agus nan robh aig ginealaich thar ghinealaich de mhuinntir nan eileanan is Earra-Ghàidheal fhàgail, uill, chuireadh arm na h-ìmpireachd fàilte chridheil orra.

Tha dùbhlain againn ann an Alba nach eil aig a’ chòrr den Rìoghachd Aonaichte, mar a tha ceist nam bàtaichean-aiseig a’ dearbhadh. Chan eil ann an neo-eisimeileachd ach cothrom ge-tà ach ’s e an cothrom as fheàrr a th’ againn gus prìomhachas a chur air na cuspairean seo agus gus ar coimhearsnachdan a dhìon. Tha na h-eileanan air iomadh dùbhlan fhulang thar nan linntean. Abair cùis-nàire a bhiodh ann, anns am 21mh linn, leis na th’ againn de theicneolas agus cumhachd phoilitigeach, nan rachadh iad fàs.

GLOSSARY:
Bàta-aiseig - ferry
Cabhlach - fleet
gàrradh-shoithichean – shipyard
Turasachd – tourism