AS the Electoral Commission launches an investigation into Momentum’s
spending from this year’s General Election, it is clearer than ever that the role of money, and increasingly data, in our politics requires greater scrutiny. This means that the powers of the Electoral Commission needs to expand, along with the repercussions for parties and political groups that fail to abide by the electoral spending regulations.

NOCHD aithrisean an t-seachdain-seo chaidh gu bheil Coimisean an Taghaidh gus rannsachadh a thòiseachadh air a’ bhuidheann iomairte Momentum. Thathar an dùil gun dèan an Coimisean sgrùdadh air mar a chlàr am buidheann an t-airgead a thog agus a chosg iad aig àm an Taghaidh Choitchinn am-bliadhna.

’S e buidheann connspaideach a th’ ann am Momentum, a chaidh a stèidheachadh ann an 2015 airson taic a thoirt do Jeremy Corbyn agus a ghreim a’ neartachadh air a’ Phàrtaidh Làbarach. Is beag an t-iongnadh nach eil cuid anns a’ Phàrtaidh ud a’ cumail taic riutha. Tha Momentum trang an-dràsta a’ feuchainn ri stad a chur air Buill-Phàrlamaid agus Comhairlichean Làbarach bho bhith nan tagraichean Làbarach aig an ath thaghadh, daoine nach eil, nam beachd-san, a’ cur taic gu leòr ris a’ cheannard.

Ged nach eil cus ann an cumantas eadar Momentum agus na buidhnean ann an Alba a tha a’ cur taic ri neo-eisimeileachd, bu chòir dha na buidhnean sin sùil a chumail air an rannsachadh seo. Thog Momentum an cuid airgid anns an aon dòigh ri Yes Scotland agus na buidhnean eile a thug taic do neo-eisimeileachd. Seach a bhith a lorg corra neach-taic beartach, bha iad an eisimeil tòrr tabhartasan beaga fhaighinn bho àireamh mhòr de luchd-taic.

Ged a tha e nas fheàrr, agus nas deamocrataiche nam bheachd-sa, airgead a thogail anns an dòigh seo, tha e ceart cho cudromach gun urrainn dhan na buidhnean seo dearbhadh gun d’fhuair iad gach sgilean ann an dòigh laghail is cothromach agus nach do chosg iad barrachd na tha ceadaichte dhaibh. Ma tha ceistean sam bith ann a thaobh cleachdaidhean Momentum, tha e cudromach gun tèid na ceistean am freagairt.

Tha cuid mì-thoilichte mun rannsachadh seo, agus iad den bheachd gur e ionnsaigh mì-chothromach a th’ ann. Na bu thràithe am-bliadhna chuir am Coimisean a’ chàin as motha a tha ceadaichte dhaibh air na Tòraidhean airson nan cosgaisean anns an Taghadh Choitcheann ann an 2015 agus ann an trì fo-thaghaidhean ann an 2014. Agus, aig an dearbh àm ris an rannsachadh ùr seo, tha an Coimisean cuideachd trang a sgrùdadh mar a chosg na buidhnean a thug taic do Bhrexit airgead ri linn an reifreinn ud.

Tha cumhachdan a bharrachd a dhìth air a’ Choimisean nam bheachd-sa, agus feumaidh iad dòighean pheanasachaidh nas làidire fhaighinn cuideachd. Thèid càintean beaga am pàigheadh gu furasta. Bha aig na Tòraidhean ri càin de £70,000 a phàigheadh, ged a lorg a’ Choimisean gun robh iad air fada a bharrachd air £100,000 a chosg ann an dòighean neo-cheadaichte. Tha abairt sa chànan eile a’ riochdachadh an fheallsanaich a tha aig cuid ann am poileataigs an-dràsta; tha e nas fheàrr maitheanas iarraidh na cead. Is cinnteach gu bheil e nas fhasa càintean a phàigheadh na taghaidhean a chall.

Tha feum aig pàrtaidh poilitigeach air iomadh rud ma tha iad gus taghadh a bhuannachadh. Feumaidh iad deagh thagraichean, luchd-taic agus luchd-iomairt gu leòr agus poileasaidhean tarraingeach. Ach cuideachd feumaidh iad airgead agus dàta air an luchd-bhòtaidh.

Chan eil e cho sìmplidh ri ràdh gun tèid agad air bhòt a h-uile mac màthar a cheannachd. Dh’fhaodadh tu GDP na Sìne a chosg agus cha bhòtadh a h-uile duine ann an Alba airson neo-eisimeileachd. Ach ’s urrainn dhut buaidh mhòr a thoirt air bhòtaichean le bhith a’ cosg beagan airgid anns na dòighean ceart. Feumaidh tu an luchd-bhòtaidh a tha deònach èisteachd riut a lorg. Agus tha an dàta a tha ri cheannachd, gu h-àraid bho chompanaidhean leithid Facebook, na chuideachadh mhòr ann a bhith a’ lorg nan daoine sin. Gach turas a bhriogas sinn air rud sam bith air na làraich-lìn seo, tha sinn a’ cruthachadh dàta mu ar dèidhinn fhèin, agus tha na companaidhean sin ro dheònach am fiosrachadh sin a reic, do bhuidhnean sam bith.

Cha robh ach 20 millean neach air Facebook ann an 2007. An-diugh tha corr is billean neach air. Cuiridh mi geall gun coimhead sinn air ais air na bliadhnaichean seo mar àm neònach, far an deach fada cus cumhachd thairis air ar bheathaichean làitheil, agus air ar poileataigs, fhàgail ann an làmhan àireamh glè bheag de dhaoine ann an Silicon Valley, nach deach an taghadh iad fhèin a-riamh. Chaidh Coimisean an Taghaidh a stèidheachadh ann an 2001, mus robh an eadar-lìon cho cudromach is a tha e an-diugh. Ach tha aca ri cumail suas ris na h- atharrachaidhean ann an dòighean iomairte agus anns an teicneòlas a tha pàrtaidhean a’ cleachdadh.

Tha e soilleir, ann an saoghal Trump agus Brexit, gum bu chòir dhuinn earbsa a bhrosnachadh ann an deamocrasaidh fhèin. Feumaidh sin deamocrasaidhean nas làidire a chruthachadh agus feumaidh sinn dòighean nas fheàrr a lorg gus stad a chur air pàrtaidhean a tha a’ cosg airgead aig ìrean mì-chothromach. Ma tha sinn airson sin a dhèanamh tha sinn feumach air Coimisean Taghaidh a tha nas cumhachdaiche na an Coimisean a th’ againn an-dràsta.

GLOSSARY:

Coimisean an Taghaidh – The Electoral Commission
Toirmisgte – forbidden, prohibited
Càintean – fines, tariffs
Maitheanas – forgiveness