The controversy surrounding the Bombardier C-series and the tariffs the US Government proposed placing upon them should serve as a reminder of the realities of economic nationalism. Even if a UK-EU trade deal can be agreed, the UK economy does not face a bright future.

CHA tuirt ach luchd nam Brexit gum biodh e furasta an t-AE fhàgail agus tha sinn uile a-nis air ionnsachadh gu robh iadsan a thuirt a leithid aineolach no ag innse breugan. Tha e doirbh gu leòr a leantainn na tha a’ tachairt aig na coinneamhan cudromach anns a’ Bhruiseal ach tha atharrachaidhean eile a’ tachairt aig an dearbh àm, a tha air sealltainn mar a tha cumhachd agus cliù Bhreatainn mar-thà air crìonadh ann am beachdan nan dùthchannan eile.

Beagan sheachdainean air ais, nochd breith anns na Stàitean Aonaicthe a chuir dreuchdan ann an cunnart ann an Canada agus anns an Rìoghachd Aonaichte, aig a’ chompanaidh Bombardier, co-cheangailte ris na plèanaichean ùra aca, an C-series. Co-dhùn Roinn na Malairt, pairt de Riaghaltas na Stàitean Aonaichte, gun robh a’ chompanaidh air ìrean ro àrd de thaic fhaighinn bhon riaghaltasan Canaideanach agus Breatainneach. Mar sin mhol iad taraif a chur air na phlèanaichean C-series. Bhiodh aig an companaidh Delta, a tha stèidhichte anns na Stàitean, ri taraif de mu 300% a phaigheadh gus na plèanaichean a cheannach.

Ann am Beul Feirste, bidh 4,200 neach ag obair airson Bombardier. Ann an co-theacsa na latha an-diugh, nuair nach eil pàrlamaid Stormont ag obair, mìosan as dèidh an taghadh acasan, agus le ceistean toinnte fhathast rim freagairt mu Bhrexit agus crìochan air an eilean ud, tha e furasta tuigsinn gu bheil cùisean car cugallach ann an Ulaidh. Nan thigeadh giorrachadh sam bith air na h-ìrean de cosnaidh anns an sgìre, dh’fhàsadh cùisean nas miosa.

Tha companaidh eile — Airbus — a-nis air seilbh a ghabhail thar prògram cruthachaidh seo agus ag radh gun tèid an cur ri chèile ann am factaraidhean aca taobh a-staigh na Stàitean. Thathas an dùil anns an dòigh seo cuidhteas fhaighinn de na taraifean.

Chan eil an dàimh shònraichte eadar May agus Trump air dad a dhiofar a dhèanamh an seo. Chan urrainn dàimh shònraichte a bhith aig dùthaich sam bith agus riaghaltas Trump. Ach tha sin ceart cho fìor mu Bhreatainn ri linn Brexit. Anns an dà shuidheachadh tha dùthaich air a ghlacadh le buidhean bheag a tha ag ràdh gu bheil feum againn prìomhachas a thoirt do Bhreatainn a-mhàin, no na Stàitean a-mhàin. Cha tèid co-chòrdaidhean a ruigsinn eadar a leithid.

Chualar tòrr mu dhèidhinn taraifean anns na mìosan seachad air sgàth ’s Brexit, ach tha e cudromach tuigsinn am buaidh a bhiodh aig taraifean sam bith air an eaconamaidh againn. Chan e cìs eile leithid VAT a th’ ann an taraifean. Chan e a-mhàin is gu bheil riaghaltas na dùthcha airson beagan airgeid a thogail. ’S e rud nas fhaisg air càin a th’ ann, agus riaghltas a’ feuchainn ri casg no co-dhiù cnap-starra mòr a chur air duine sam bith a bha airson an rud sin a ceannach bho chompanaidh no dhùthaich chèin.

Ma dh’fhàgas sinn an t-Aonadh Eorpach as aonais co-chòrdadh sam bith, rud a dh’fhaodadh tachairt, bidh againn ri fàs cleachte ri tairifean agus an droch bhuaidh aca. A dh’aindeoin ’s na tha Trump air moladh, tha NAFTA - an co-chòrdadh malairt eadar na Staitean, Canada agus Meagsago, ann fhathast. Agus tha co-chòrdadh malairt an ìre mhath ùr eadar Canada agus an t-Aonadh Eorpach. Thug an co-chòrdadh sin eadar aon dùthaich agus an t-Aonadh Eorpach ochd bliadhna a ruigsinn. Guma math thèid le luchd nam Brexit a’ feuchainn ris an leithid a dhèanamh le gach dùthaich air an t-saoghal taobh a-staigh dà bhliadhna. Anns an eisimpleir seo tha co-chòrdaidhean malairt ann mar-thà, agus fhathast tha an connspaid seo air adhbhrachadh tairifean agus air droch bhuaidh a thoirt air an companaidh seo.

Chan iad an t-Aonadh Eorpaich a-mhain a dh’fheumas Riaghaltas Bhreatainn a shàsachadh ma tha iad gus co-chòrdadh malairt soirbheachail fhaighinn. Fiù ’s nan aontachadh an dà bhuidheann sin, rud nach eil ro choltach aig an ìre-sa leis gu bheil fhathast coltas ann nach eil cuid anns an Riaghaltas fiù ’s a sireadh a leithid, bhiodh cothrom aig mòran dùthchannan eile an ceòl a chur air feadh na fìdhle mur biodh iadsan a’ smaointinn gu bheil e cothromach.

Cuideachd an t-seachdain-sa, dh’fhoillsich Oifis na Stadastaig Nàiseanta an naidheachd gu bheil eagonomaidh na Rioghachd Aonaichte leth trillean not nas lugha nan robh iad an dùil, agus tha Buidheann airson Co-obraichean agus Leasachaidhean Eaconomaidh, an OECD, ag radh gu bheil dòigh shìmplidh eaconomaidh na Rioghachd Aonaichte a neartadh: stad a chur air Brexit.

B’ e mearachd a bh’ ann am Brexit. Ma leanas sinn air adhart leis cha dèan e ach cron oirnn agus tha feum againn air Riaghaltas a tha deònach sin aideachadh agus stad a chur air. Gu mì-fhortanach chan eil sgeul ri lorg air a leithid ann an Westminster.

GLOSSARY:

Taraif — Tariff

Cìs — Tax

Càin — Fine, tribute

Oifis na Stadastaig Nàiseanta — The Office for National Statistics