BHA muinntir Chatalòinia air slighe shìtheil a dh’ionnsaigh reifreann air neo-eisimeileachd ach tha Riaghaltas Madrid air dèiligeadh ris ann an dòigh a tha cunnartach agus na cùis-nàire ann an deamocrasaidh. Am measg fòirneart agus an-riaghailte an Ear-Mheadhain, tha riaghaltas roinneil Chùrdastan ann an Iorag air feuchainn ri reifreann deamocratach a chleachdadh airson an dearbh cheist a chur ron t-sluagh aca fhèin, ach tha Baghdad agus gu leòr riaghaltasan eile ag ràdh nach bu chòir dhaibh. “Now is not the time,” mar a thuirt i fhèin.

Tha Riaghaltas Madrid ag ràdh gu bheil reifreann Chatalòinia mì-laghail a rèir bun-reachd na dùthcha, leis gu bheil am bun-reachd ud ag ràdh gur e aon nàisean aonaichte a th’ anns an Spàinn. On a chaidh am bun-reachd a sgrìobhadh, bha e soilleir gun robh rudeigin mar seo an cunnart tachairt, oir ’s e breug a th’ ann.

Chruthaich an sgrìobhadair Benedict Anderson an abairt “imagined communities” — tiotal an leabhair cliùiteach aige mu dhèidhinn nàiseantachas — gus mìneachadh gu dè dìreach a th’ ann an nàisean. Chan e nàisean a th’ anns an Spàinn air sgàth ’s gun do sgrìobh seachdnar fhireannach sin air bileag pàipeir ann an 1978; ’s e nàisean a th’ innte air sgàth ’s gu bheil gu leòr de bhuill den nàisean sin deònach smaointinn orra fhèin mar Spàinntich. ’S e an trioblaid a th’ aca ach gu bheil gu leòr ann an Catalòinia den bheachd gur e nàisean a th’ annta agus gu bheil iad airson a bhith nan nàisean neo-eisimeileach coltach ris a’ mhòr-chuid anns an Roinn-Eòrpa.

Dh’fhulaing gach ceàrnaidh den Spàinn fo Franco, ach ann an sgìrean mar Chatalòinia agus Dùthach nam Basgach, dh’fheuch an deachdair ri cur às dha na cànanan agus na cultaran aca. Nuair a bha Franco na cheannard bha a leithid de dh’eagal air mu cho làidir ’s a bha fèin-aithne nan Catalanach is gun tug e air FC Barcelona an suaicheantas aca atharrachadh. ’S beag an t-iongnadh gu bheil cuid air an dearbh bhun-reachd seo a chàineadh, a chaidh a sgrìobhadh dìreach greis às dèidh bàs Franco.

Tha e cudromach aithneachadh gun robh an Spàinn air adhartas a dhèanamh ann a bhith a’ gluasad air falbh bhon t-siostam fhaisistich agus a bhith a’ neartachadh cultar deamocratach. Ach an t-seachdain seo tha Rajoy agus a chàirdean ann an droch chunnart an t-adhartas sin a mhilleadh.

Chan eil freagairt aig an Aonadh Eòrpach agus chan eil aig na Dùthchannan Aonaichte. A bharrachd air litir bho bhuidheann bheag de BhP na Eòrpa, chan eil an t-AE air facal a ràdh mu dheidhinn na h-ionnsaigh seo air deamocrasaidh Chatalòinia.

Tha Cùrdastan ann an suidheachadh nas toinnte buileach. A-rithist agus a-rithist chaidh stàit neo-eisimeileach a ghealltainn dha na Cùrdaich agus a-rithist agus a-rithist rinn iadsan a thug gealltanasan dha na Cùrdaich feall orra. Ron reifreann, a thachair an-dè, thuirt iomadh dùthaich agus na Dùthchannan Aonaichte cuideachd, nach robh còir aca an reifreann a chumail, agus nan cuireadh Riaghaltas Roinn nan Cùrdach stad air an reifreann gum biodh iad deònach an cuideachadh gus barrachd cumhachd fhaighinn. Carson fon ghrèin a chreideadh Cùrdach sam bith a leithid, ma bha iad eòlach air an eachdraidh aca fhèin?

Nuair a tha iomairt airson neo-eisimeileachd air ìrean àrda de thaic fhaighinn ann an nàisean sam bith, tha e soilleir gu bheil dà rud air tachairt: tha an iomairt sin air adhartas a dhèanamh ach cuideachd ’s fheudar gun do rinn riaghaltas na stàit nas motha bùrach de chùisean gus an earbsa a bha uair aig cuid annta a chall. Tha sin air tachairt anns an Spàinn a cheart cho soilleir is a tha e air tachairt ann an Iorag agus anns an Rìoghachd Aonaichte.

Tha an dà reifreann seo cuideachd a’ sealltainn cho neònach ’s a bha Còrdadh Dhùn Èideann. Bha reifreann againn ann an 2014 air sgàth ’s gun robh Daibhidh Camshron cho cinnteach nach soirbhicheadh leinn. Chan urrainn do Chatalòinia no Cùrdastan dìreach feitheamh gus an latha a nochdas ceann-suidhe ann am Madrid no Baghdad a tha gòrach gu leòr gus eisimpleir a’ Chamshronaich a leantainn. Bha sin riamh fìor agus às dèidh Brexit bidh e nas duilghe buileach suidheachaidhean a lorg a cheadaicheadh reifreannan mar a bh’ againne.

Chan e rud bunaiteach seasmhach a th’ ann an mapa an t-saoghail. Cho fad ’s a bhios mac an duine a’ gluasad agus ag atharrachadh thig atharrachaidhean air crìochan. Chan eil nàisean anns an t-saoghal a tha air maireachdainn fad nan linntean gun atharrachadh sam bith a thighinn air na crìochan aca. Ach fhathast chan eil dòigh fhreagarrach aig buidhnean eadar-nàiseanta mar an t-Aonadh Eòrpach no na Dùthchannan Aonaichte airson dèiligeadh ris na suidheachaidhean seo.

Bu chòir dha bhith soilleir dhuinn uile gu bheil deamocrasaidh ann an cunnart air feadh an t-saoghail ann an 2017. Mura h-eil dùthchannan deamocratach deònach leigeil le nàiseanan dòighean deamocratach a chleachdadh gus gluasad air adhart, lorgaidh iad dòighean eile, agus cha bhi iad sin cho sìtheil.

GLOSSARY:

Riaghaltas Roinneil – Regional government

An Ear-Meadhan – The Middle East

Bun-reachd - Constitution

Còrdadh Dhùn Èideann – Edinburgh Agreement

Na Dùthchannan Aonaichte – The United Nations