This week, Màiri Dhòmhnallach examines the proposals brought forward by The Scottish Government to reform Scotland’s enterprise and skills agencies, questioning whether this means centralisation for Scotland’s largest local agency.

CÒRR is còig air fhichead bliadhna an dèidh dha Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean gnìomhachd a thòiseachadh air a’ Ghàidhealtachd, tha Riaghaltas na h-Alba air moladh gum bu chòir bòrd ùr nàiseanta a stèidheachadh gus obair na buidhne a cho-òrdanachadh.

Tha na molaidhean seo air tighinn mar thoradh air lèirmheas de thaic iomairt agus sgilean bho chionn ghoirid, a choimhead air na dleastanasan agus dreuchdan aig Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean agus Iomairt na h-Alba - Leasachadh Sgilean na h-Alba agus Comhairle-maoineachaidh na h-Alba nam measg.

Mar a shaoileadh tu, bha gu leòr air a’ Ghàidhealtachd a bha den bheachd nach e deagh naidheachd a bha anns nam molaidhean seo, ach chaidh innse leis an Riaghaltas gum biodh seirbheisean a tha gan lìbhrigeadh sa Ghàidhealtachd mar-thà air an glèidheadh. Deagh rud, chanainn, ach carson a tha cuid fhathast a’ faireachdainn caran diombach mu dheidhinn nam molaidhean seo?

Thòisich Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean ann an cruth eadar-dhealaichte leth-cheud bliadhna air ais. Bha Bòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean air a stèidheachadh sa chiad dol a-mach, gus an do dh’atharraich sin ann an 1990. Tha a’ bhuidheann san là a tha ann a-nis a’ toirt taic do ghnìomhachasan air feadh na Gàidhealtachd – Arcaibh is Sealtainn, na h-Eileanan Siar, a’ Ghàidhealtachd, Moireibh agus Earra-Ghàidheal. Tha mi a’ smaoinntinn gur ann air an adhbhar sin a tha na molaidhean ùra air dragh a chur air mòran sa cheàrnaidh seo. Tha faireachdainn ann gu bheil Riaghaltas na h-Alba, a tha stèidhichte còrr is ceud gu leth mìle air falbh bho Inbhir Nis, airson seirbheisean poblach na dùthcha a stiùireadh aig ìre nàiseanta.

Tha e doirbh argamaid sam bith a chur an aghaidh a bheachd seo an uair a tha Riaghaltas na h-Alba air tòiseach-tòiseachaidh a dhèanamh air na seirbheisean poblach mòra a stiùireadh aig ìre nàiseanta. Smaoinichibh air Seirbhis Poileas na h-Alba, mar eisimpleir. Chaidh sin a stèidheachadh ann an 2013 an dèidh dha ochd seirbhisean ionadail co-aonachadh gus seirbhis nàiseanta a chruthachadh. Agus chaidh aithris am bliadhna gu bheil planaichean air chois gus an t-ionad Albannach de Phoileas Còmhdail Bhreatainn a ghabhail a-steach fo bhratach Seirbhis Poileas na h-Alba. Ged a tha e math gu bheil seirbheis a bha aig ìre cumhachd Bhreatannach a-nis a’ tighinn fo chùram Albannach, tha e doirbh an aon rud a ràdh mu dheidhinn seirbhis Albannach a tha a-nis fo stiùir aig ìre nàiseanta.

Bhon a thàinig an t-seirbheis ùr gu bith, chaidh aithris gun robh an ìre den chleachdadh ‘stad is sgrùd’ air a dhol suas gu mòr, trì uidhir nan àireamhan aig poileas Lunnainn, rud a chuir dragh air mòran den phoball. Chaidh innse gur dòcha gun rachadh cho mòr ri seachd a-mach a deich de na seòmraichean-smachd a dhùnadh cuideachd – Inbhir Nis nam measg. Le eisimpleir a’ phoileis, tha e furasta tuigsinn carson a tha muinntir na Gàidhealtachd draghail mu dheidhinn athisg sam bith a tha moladh stiùireadh aig ìre nàiseanta.

Tuigidh mi, gu ìre, carson a tha cuid de sheirbheisean poblach gan dèanamh nàiseanta mar seo. Ma ‘s urrainn dhut cosgaisean a lughdachadh an siud san seo, le bhith a’ caomhnadh air luchd-obrach – gu h-àraidh an fheadhainn anns na h-obraichean as àirde, leis na tuarastalan as àirde – tha sin a’ dèanamh ciall. Leis na h-ùghdarrasan ionadail, mar eisimpleir, tha trichead ‘s a dhà ceannard foghlaim ann an dreuchd – uile air tuarastal gu math falainn. Tha fhios am gu bheil gach ceannard os cionn foghlam san sgìre neo san ùghdarras ionadail aca fhèin, ach tha na ceannardan air fad seo uile os cionn aon churraicealam nàiseanta. Nach biodh e na b’ fheàrr agus na b’ èifeachdaiche beagan caomhnaidh a dhèanamh an seo cuideachd?

Ge-tà, le bhith a’ gluasad smachd bhuidhnean ionadail leithid Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean gu ìre nàiseanta, tha sinn a’ gabhail ceum air ais. Tha feumalachdan eaconomaigeach gu math diofraichte aig a’ Ghàidhealtachd na tha aig a’ chòrr dhen dùthaich agus tha sin gu bhith gu math nas fhollasaiche san àm ri tighinn le buaidh Bhrexit. Cha dèan stiùir nàiseanta air buidheann ionadail feum sam bith dhan Ghàidhealtachd san àm ri teachd.

GLOSSARY

Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean – Highlands and Islands Enterprise

Molaidhean – Recommendations

Lèirmheas – Review

Seirbhis Poiliea Alba – Police Scotland

Feumalachdan - Requirements