UILL, abair gun robh sgainnealan gu leòr air TBh bho chionn ghoirid agus chan ann air dràma cruthachail a tha mi a-mach! Bho Roxanne Pallett a’ fàgail aig doras Ryan Thomas gun do thog e a dhòrn rithe ’s gun deach a goirteachadh ann an taigh Big Brother gu aimhreit Kim Woodburn air a’ phrògram Loose Women bho chionn ceala-deug. San latha an-diugh, tha cumhachd eagalach aig na meadhanan sòisealta gus teagamhan a thogail mu chliù agus obair duine sam bith, ma thogras iad. Mar sin, tha againn uile ri bhith gu math faiceallach mu na dhèanamaid air beulaibh chamarathan. Gun teagamh, mar a chunnaic sinn an t-seachdain seo chaidh, chan eil daoine a tha soirbheachail nan dreuchdan air prògraman telebhisein air an dìon à fearg an t-sluaigh. Dh’adhbhraich a’ chùis le Pallett còrr is 11,000 gearain do Ofcom, is dh’adhbhraich an dragh air Loose Women mu 7,000. Nach annasach mar a bha daoine cho draghail mu phrògraman a bu chòir a bhith aotrom?

Nochd bhideothan air Twitter agus Facebook mun ‘agallamh’ a rinn buill panail Loose Women còmhla ri Kim Woodburn. Dh’inns Woodburn gun d’ fhuair i cuireadh chun a’ phrògraim gus feuchainn ri cùisean a rèiteach eadar i fhèin agus Coleen Nolan (a bhios a’ nochdadh gu cunbhalach air Loose Women). Tha e coltach gun deach an dithis a-mach air a chèile air Celebrity Big Brother bho chionn dà bhliadhna. Ach nuair a nochd Woodburn, thòisich muinntir a’ phanail ri magadh oirre agus bha iad cha mhòr, ri burraidheachd, coltach ri caileagan òga mì-mhodhail san raon-chluiche. Nis, chan eil mi idir ag ràdh gur e tè laghach, tharraingeach a th’ ann an Woodburn i fhèin. Gu dearbh, b’ urrainn dhi fhèin a bhith cho beur ri bàrd, ach ma chaidh innse do Woodburn le riochdairean Loose Women gun robh Nolan airson cùisean a rèiteach beò air an aidhear, gu dearbh cha d’ fhuair Nolan am memo ud idir. Cha robh e ceart cùis-bhùird a dhèanamh dhe na boireannaich, ged a dh’fhaodar a ràdh gu bheil am prògram tighinn beò air a leithid de dh’aire co-dhiù.

’S beag orm fhìn Loose Women. Bha mi riamh den bheachd gur e prògram car leibideach a bh’ ann ’s iad a’ cur cheistean mì-chofhurtail is mì-chàilear air an fheadhainn a bha air aoigheachd aca. Chan ann air na h-aoighean a tha am fòcas idir ach air na boireannaich bheachdail a tha air an taghadh a dh’aon-ghnothach, saoilidh mi, bhon a tha laigsean annta, bhon a tha iad connspaideach no bhon a tha iad ann an èiginn airson a bhith ainmeil. Bu chòir dearg nàir’ a bhith air na meadhanan a tha a’ cruthachadh saoghal breugach, connspaideach timcheall orra – saoghal puinnseanta a tha air a chur fa chomhair an t-sluaigh gus binn a thoirt air na daoine a tha an sàs sa phrògram.

Thall air an t-seanail eile, bha cùisean a’ dol ceàrr a-rithist agus làn-dòchais aig na riochdairean gun tachradh a leithid. Bha Ryan Thomas a’ tarraing à Pallet a’ leigeil fhaicinn gun robh e a’ dol a thoirt breab dhi. Cleas cunnartach air TBh beò, ’s dòcha, ach cha robh teagamh air luchd-amhairc gur e spòrs a bha seo. Nuair a rinn Pallett gearan mu chleas Ryan, chaidh an duine fhàgail san taigh còmhla ri Pallett fad còrr is latha. Nuair a dh’fhàg Pallet mu dheireadh thall, chaidh Thomas fhàgail san taigh fo imcheist is iomagain uabhasach gun fhios dè thachradh dha agus gun ghuth air mar a bha an saoghal mòr ga mheas. Carson a dh’fhàgadh na riochdairean e san t-suidheachadh ud? Innsidh mise dhuibh carson – airson barrachd aire a tharraing don t-suidheachadh mhì-chàilear seo. Chan eil na meadhanan sòisealta agus na pàipearan air stad a bhruidhinn mun dithis bhon uair sin.

An e ealain a tha seo? TBh macmeanmnail? TBh far a bheil na riochdairean deònach dreuchdan dhaoine a mhilleadh gus an coimhead barrachd dhaoine air na prògraman seo a th’ ann co-dhiù. Canaidh cuid nach eil a leithid de rud ann ri droch aire, ach chanainnsa gu bheil iad fada ceàrr. Bha aig Nolan ri cuairt a chur dheth air sgàth ’s nach do reic i gu leòr thiocaidean agus cha bhi àite aice air a’ phrògram rè ùine co-dhiù.

Chan fhaigh Pallett mòran obrach a chaoidh air sgàth mar a dh’adhbhraich i connspaid agus chaidh milleadh a dhèanamh air staid-inntinn Ryan Thomas ’s gun fhios aige dè bha an dàn dha air an taobh a-muigh.

Tha e tàmailteach gu bheil an uimhir de chumhachd aig prògraman mar seo gus sgrios is milleadh a dhèanamh air beatha dhaoine air beulaibh an t-sluaigh. Mo nàire air na riochdairean a chruthaicheas prògraman mar seo agus air an luchd-amhairc a gheibh tlachd às an leithid!

SUMMARY: It’s disgraceful that television producers have the power to ruin people’s lives, even those who work for them, in order to up their ratings. It’s time programmes like this were changed for good, or taken off the air.

GLOSSARY:
Cùis-bhùird - Laughing stock

Rèiteach - Reconciliation