SUMMARY: We cannot continue to use hashtags such as #PrayForDemi when we refer to ordinary people who suffer with just the same issues as ‘junkies’ and ‘jakies’. Whilst I feel for Demi, it’s time to start showing real compassion to all addicts, and not just those who are famous.

Tha Demi Lovato air a bhith air ais anns na naidheachdan an t-seachdain seo: tha i an dùil tilleadh do dh’ionad ath-ghnàthachaidh. Bha mi fhìn measail air na prògraman anns an robh i an sàs nuair a bha mi na b’ òige, a leithid ‘Sonny with a Chance’ air Seanail Disney. ’S beag a bha fhios agam gur ann mun uair ud (aig aois seachd bliadhn’ deug) a thòisich i air drogaichean a leithid cocaine fheuchainn.

Tha i air a bhith ‘glan’ bho dhrogaichean fad sia bliadhna a-nise tha e coltach, ach chuir i a-mach clàr anns an Ògmhios air an robh ‘Sober’, ’s dh’aidich i ann am faclan an òrain: “Sorry, I’m not sober anymore”. Tha truas mòr agam rithe agus i air a bhith a’ strì an aghaidh nan trioblaidean seo bho aois òg. Tha i air bruidhinn mun deidhinn gu saor-chridheach roimhe, a’ feuchainn ri bhith na deagh eisimpleir do dhaoine eile, ach tha i air tuiteam an eisimeil a-rithist.

Tha na milleanan air a bhith an sàs san taga-hais #PrayForDemi air Twitter on a chaidh an naidheachd a sgaoileadh, a’ guidhe gach soirbheas dhi ann a bhith a’ faighinn làmh-an-uachdair air a’ chùis a-rithist. Tha iad air a ràdh gum bi iad a’ seasamh còmhla rithe, a’ toirt taic dhi fiù ’s ann a bhith a’ fàs nas fheàrr. Dh’inns i roimhe gun robh laigse cuideachd na h-athair agus e fo smachd na dibhe agus cha robh Demi fhèin ach òg nuair a dh’fheuch i drogaichean mì-laghail son a’ chiad uair. Tha trioblaidean eile aice a bharrachd air na ro-dhèidhealachdan seo, ’s i a’ fulang le tinneas ithe agus trioblaidean inntinn cuideachd. Tha e math faicinn gu bheil na milleanan a’ cur taic rithe, ach chì mise coltasan eadar mar a tha Demi air fulang, agus mar a bhios na milleanan a’ fulang air feadh an t-saoghail le tràilleachdan de gach seòrsa. Cha chreid mi, ge-tà, gun toir sinn ro thric an aon spèis dhaibhsan. Tha mi a’ tuigsinn gur i ‘rionnag’ a th’ ann an Demi, ach saoilidh mi gu bheil sinn buailteach air a bhith a’ seachnadh dhaoine a tha a tha a’ tighinn beò ann am bochdainn air feadh an t-saoghail a tha a’ fulang leis an dearbh rud, ’s chan eil seo idir cothromach.

Sa bhliadhna 2016, chaochail 867 duine ann an Alba tro bhith a’ cleachdadh dhrogaichean mì-laghail neo feadhainn a fhuairear air òrdugh bhon dotair – 106% a bharrachd na ann an 2006. Cuimhnichibh nach eil deoch-làidir a’ nochdadh mar phàirt de na figearan a tha sin nas mò! Tha ro-dhèidhealachd na trioblaid mhòr nar dùthaich, ach ’s tric a bhios mi a’ faireachdainn gu bheil sinn cleachdte ri bhith a’ fàgail ainmean mar ‘junkies’ neo ‘jakies’ air an fheadhainn a bhios a’ fulang ’s gan sguabadh don dara taobh, ’s nach bi sinn a’ gabhail an aon truas riutha-san ’s a bhios sinn ri Demi Lovato agus rionnagan eile dhe a leithid.

Chan eil a h-uile duine cho fortanach ri Demi ’s gum faigh iad an cùram agus an taic a tha a dhìth, ge-tà. Ann an Alba co-dhiù, tha còir gum faigh daoine a tha an eisimeil ri drogaichean cothrom dotair fhaicinn taobh a-staigh trì seachdainean. Ach tha e coltach gum bi cuid an-dràsta a’ feitheamh còrr is sia mìosan. Fiù ’s ged a gheibheadh iad cothrom an dotair fhaicinn, chan eil sin idir a’ ciallachadh gun tòisich leigheas sa bhad. Thuirt an Dr. Roy MacDhonnnchaidh gu bheil eagal ann nach till daoine a tha feumach air taic gu dotair mura faigh iad cùram gu luath, ’s chan eil cothrom ann taic a thoirt dhaibh an uair sin.

Canaidh cuid gur iad na daoine fhèin bu choireach gu bheil iad an eisimeil ri drogaichean. Ach can gum biodh tu ann an tubaist rathaid agus gum biodh drogaichean a dhìth ort fad mhìosan gus am pian a chumail air falbh. Tha deagh sheans ann gum biodh na drogaichean a tha sin a’ fàs tuilleadh is cudromach dhut. Dh’fhaodadh drogaichean dhen leithid grèim fhaighinn air duine sam bith – chan eil gin againn air ar dìon bhon leithid de rud.

Mar sin, ’s fheàrr dhuinn a bhith a’ toirt cothrom do dhaoine ann an Castlemilk, Possilpark, fiù ’s anns na h-Eileanan mar a tha sinn a’ toirt cothrom do Dhemi. Tha claon-bhreith fhathast follaiseach nar dùthaich, ach feumaidh sinn na daoine sin a chuideachadh an àite a bhith gan seachnadh neo a bhith a’ fàgail far-ainmean orra. Chan eil fhios ciamar agus cò leis a tha daoine a’ fulang air cùl cùirteir. ’S e tinneas a tha seo coltach ri gach tinneas eile ’s tha sinn uile airidh air taic agus air cothrom ar beatha atharrachadh. Mar a thuirt Demi chòir fhèin ann an ‘Sober’: “I’m only human.”

GLOSSARY: Ath-ghnàthachadh – Rehabilitation

Ro-dhèidhealachd – Addiction

Claon-bhreith – Prejudice