ANN an 1831, chaidh ulaidh phrìseil a lorg air Tràigh Ùige ann an Leòdhas: na Fir-thàileisg ud a tha a-nis ainmeil air feadh an t-saoghail. Thathar den bheachd gun deach an cruthachadh le ìbhri eich-mhara ann an Nirribhidh neo ann an dùthaich Lochlannach eile san dàrna linn deug. Chaidh an glèidheadh fo dhùn-gainmhich ann an Ùige fad linntean gus an deach an lorg le Leòdhasach ‘Calum an Sprot’ anns an naoidheamh linn deug. Mo bheannachd air Calum còir! ’S e ìomhaighean a th’ annta a tha air mòran deasbad abhrachadh thar nam bliadhnaichean – cò chuir ann iad agus carson? Sgeul inntinneach, tarraingeach a chaidh innse air feadh an t-saoghail ann an taighean-tasgaidh eadar-dhealaichte thar nam bliadhnachan, bho New York gu Dùn Èideann. Tha trì fichead ’s a seachd dhiubh an cuide ri ceithir-deug Fir-bhùird, air an taisbeanadh ann an Taigh-tasgaidh Bhreatainn. Gu h-annasach, chan eil ach aon deug dhiubh air an taisbeanadh ann an Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba ann an Dùn Èideann san latha an-diugh.

Nise, nam bheachdsa, ’s e rud air leth math a th’ ann gu bheil ùidh cho mòr aig daoine air feadh an t-saoghail nar n-eachdraidh Lochlannach, agus gu dearbh tha mi airson ’s gun cluinn iad mu deidhinn. Ach, tha mi fhìn ag aontachadh leis an Ollamh Seumas Mac an t-Sealgair a mhol an t-seachdain seo chaidh gum bu chòir do na Fir-thàileisg a bhith air an ceannach (neo nas fheàrr buileach, air an toirt air ais saor an-asgaidh) as leth coimhearsnachd Leòdhais agus air an taisbeanadh an sin. Tha sia dhe na Fir-thàileisg rim faicinn ann an Taigh-tasgaidh nan Eilean ann an Caisteal Leòdhais an-dràsta, ach ’s ann a tha iad air iasad à Taigh-tasgaidh Bhreatainn ann an Lunnain. Nach dèanadh e ciall na fir uile a thoirt air ais don àite anns an deach an lorg, neo na b’ fhaisge air an dachaigh co-dhiù?

Chaidh neach-labhairt Taigh-tasgaidh na h-Alba an aghaidh a’ bheachd a tha seo ge-tà, ag ràdh gun robh e “iomchaidh” gum biodh rudan a tha air leth cudromach do dh’eachdraidh na dùthcha air an cumail ann an cruinneachadh nàiseanta, gus am biodh iad air an dìon. Ach saoilidh mise gum biodh e na b’ fheàrr buileach nam biodh an luchd-tasgaidh seo deònach taic a thoirt do choimhearsnachdan ann a bhith a’ cruthachadh àrainneachd agus a’ toirt seachad trèanadh (air a’ Ghàidhealtachd) gus nithean prìseil dhen leithid a ghlèidheadh agus a thaisbeanadh.

Chruthaicheadh seo obraichean inntinneach air a’ Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan, bhiodh e a’ tarraing barrachd dhaoine don sgìre gus na rudan mìorbhaileach, prìseil seo fhaicinn agus saoilidh mise gum biodh muinntir na sgìre a’ gabhail barrachd ùidh anns an eachdraidh aca fhèin nam biodh i air a taisbeanadh gu h-ionadail, agus gum b’ ann leotha fhèin a bha e. Mar thè a tha air ceumnachadh ann an eachdraidh bho chionn ghoirid, cha b’ e ruith ach leum a dhèanainn nam biodh cothrom obrach ann an taigh-tasgaidh dhen leithid a’ dol, far an robh eachdraidh ionadail, phrìseil air a cumail ’s air a taisbeanadh.

Tha Taigh-tasgaidh nan Eilean air dearbhadh gu bheil iad tuilleadh is comasach air coimhead às dèidh nan ìomhaighean prìseil a tha seo agus sia de na seòid air a bhith aca air iasad fad bhliadhnaichean co-dhiù. Ann an 2007, bha deasbad a’ dol mu na Fir-thàileisg ’s cuid den bheachd gum bu chòir dhaibh tilleadh a Leòdhas. A rèir coltais cha robh Comann Eachdraidh Ùige (a tha air obair ionmhalta a dhèanamh air eachdraidh na sgìre aca fhèin) airson na Fir èiliseachadh dhaibh fhèin aig an àm. ’S bochd sin, agus tha mi an dòchas gun atharraich sin san àm ri teachd neo gun obraich buidheann eile còmhla ri muinntir na sgìre gus strì airson na Fir-thàileisg, agus nithean prìseil eile a tha beantainn don sgìre, a thoirt dhachaigh.

Tha còir gum bi ulaidhean air an cumail agus air an glèidheadh leis na sgìrean anns an deach an lorg neo an cruthachadh, agus gu dearbh bu chòir cothrom a bhith aig na sgìrean seo eisimpleirean agus ìomhaighean nan eachdraidh fhèin a thaisbeanadh. Tha dìleab na h-ìompaireachd follaiseach dhòmhsa sa chùis seo. Chan eil ar taighean-tasgaidh nàiseanta deònach rudan prìseil a thilleadh ’s iad fhathast a’ taisbeanadh nithean bho dhùthchannan a chaidh a ghabhail thairis o chionn fhada an t-saoghail.

Mar a chanas iad: “Is mairg don chuid cuid duin’ eile”. Tha mi a’ tuigsinn gur e pàirt de dh’eachdraidh Bhreatainn a th’ anns an ìompaireachd ach ged bu chòir dhuinn sin aithneachadh, am bu chòir dhuinn seo a chliùthachadh? Seachnaichibh an ìomhaigh ud, chan eil e a’ tighinn ribh tuilleadh agus thoiribh cothrom do dhaoine an eachdraidh fhèin innse mar a thogras iad fhèin agus leig leis na Fir-thàileisg chofhurtachd bhuan fhaighinn sa choimhearsnachd aca fhèin.