GED nach eil Achd na Gaeilge aca fhathast, tha na Gàidheil ann an Èirinn a Tuath air iomadh adhartas cudromach a bhuannachadh airson a’ chànain aca. B’ urrainn, agus bu chòir, dhuinne an t-uabhas ionnsachadh bhuapa. Mar sin chòrd e rium a bhith a’ faicinn gu bheil cuid ann an Alba a-nis airson eisimpleir muinntir Uladh a leantainn agus Culturlann fhaighinn ann an Alba.

Tha dà Chulturlann ann an Èirinn a Tuath mar-thà, fear ann am Beul Feirste agus fear eile ann an Doire Chaluim Chille. Thòisich togalach ann an Àird Mhacha an t-seachdain-sa a chaidh air an treas fear.

Mar a shaoileadh tu bhon ainm, ’s e ionad cultarail Gàidhlig a tha ann an Culturlann, togalach airson tachartasan agus taisbeanaidhean, le seòmraichean airson clasaichean, agus oifisean airson buidhnean agus companaidhean Gàidhlig. ’S e àite poblach a tha ann, le taigh-bìdh agus bùth mar phàirt dheth cuideachd.

Tha e math goireasan mar sin a bhith aig na Gàidheil ann an aon togalach. Ach cuideachd ’s e àite air a chur air leth dhan a’ Ghàidhlig a-mhàin a tha ann. A bharrachd air na goireasan pragtaigeach, ’s e samhla cudromach a tha ann agus fianais gu bheil, ann an seadh litireil agus cumhachdach, àite ann dhan Ghàidhlig anns a’ bhaile ud an-diugh.

Tha an t-uabhas aineolais am measg muinntir bailtean-mòra na h-Alba a thaobh na Gàidhlig agus nan Gàidheal. Bhiodh e na chuideachadh nam biodh àite faicsinneach ann a bheireadh orra tuigsinn gu bheil Gàidheil a’ còmhnaidh anns na bailtean sin cuideachd.

Dh’fhoillsich Urras Dualchas Alba rannsachadh an t-seachdain-sa a’ dearbhadh gu bheil tòrr ann a bheireadh taic ri a leithid ann an Inbhir Nis. Tha iad a’ moladh gun rachadh Talla Cuimhneachaidh an Dtr. MhicIlleDhuibh a chleachdadh, togalach a tha air a bhith falamh beagan bhliadhnaichean, ann an teis-meadhan a’ bhaile. Agus chaidh coinneamh a chumail ann an Dùn Èideann, feuch an gabhadh Culturlann a stèidheachadh anns a’ phrìomh-bhaile cuideachd.

Tha sinn fortanach gu bheil coimhearsnachdan Gàidhlig beothail anns na bàiltean-mòra againn. Tha lìonraidhean eadar-dhealaichte air feadh an àite, còisirean, comainn, buidhnean luchd-ionnsachaidh agus eile ach tha obair ri dhèanamh gus na ceanglaichean eadar na Gàidheil a dhaingneachadh agus Gàidheil nach eil an sàs anns na buidhnean sin a tharraing còmhla cuideachd.

Nuair a bhios tu a’ tadhal air Beul Feirste, no air Doire Chaluim Chille no anns an àm ri teachd air Àird Mhacha, agus ùidh sam bith agad anns a’ Ghaeilge agus cultar nan Gàidheal, tha e soilleir anns a’ bhad càite am bu chòir dhut do thuras a thòiseachadh ma tha thu airson blas fhaighinn air a’ chultar sin. Ged a tha coimhearsnachdan Gàidhlig anns gach baile-mòr ann an Alba, chan urrainn dhuinn an aon rud a ràdh ann an gin dhiubh.

Tha ùidh aig luchd-turais a tha a’ tighinn a dh’Alba ann an cultar nan Gàidheal agus mura tèid aig na Gàidheil air iad fhèin a riochdachadh ann an àiteachan fa leth, gabhaidh cuideigin eile an cothrom gus ar riochdachadh, agus airgead a dhèanamh.

Ann an Culturlann McAdam Ó Fiaich – am fear ann am Beul Feirste – ann an 2011, thadhail còrr is 80,000 neach air an togalach spaideil aca. Feumaidh gu bheil na bùithtean eile mun cuairt air taingeil airson sin cuideachd. Agus tha buaidh mhòr air a bhith aig na h-ionadan seo air na sgìrean mun cuairt orra. Tha barrachd Ghaeilge ri fhaicinn anns a’ cheàrnaidh ud de Bheul Feirste na chitheadh tu ann am baile-mòr Albannach sam bith.

Tha an sgìre sin den bhaile a-nis aithnichte gu h-oifigeil mar An Cheathrú Ghaeltachta. A-rithist, ged a tha sgìrean leithid Phartaig no Baile a’ Ghobhainn ann an Glaschu far a bheil coimhearsnachd Ghàidhlig air a bhith fad ginealaichean chan eil sgìre aithnichte ann an dòigh oifigeil againn, ann am baile-mòr sam bith.

Tha sinn fortanach gu bheil cuid de dh’oilthighean, gu h-àraidh Glaschu, a’ toirt barrachd taic don Ghàidhlig agus gu bheil tachartasan fosgailte dhan choimhearsnachd gan cumail annta. Ach tha cuid nach eil cofhurtail ann an oilthigh, gu h-àraid iadsan nach deach dhan oilthigh sin no a dh’oilthigh sam bith.

Tha na Gàidheil anns na bailtean-mòra ann an suidheachadh eadar-dhealaichte ris na Gàidheil anns na sgìrean far an cleachdar a’ Ghàidhlig fhathast agus tha dùbhlain eadar-dhealaichte romhpa.

Tha iomairtean eile a dhìth oirnn, gus na còraichean againn a bhuannachadh. Agus aig cnag gach iomairt shoirbheachail, tha feum againn air coimhearsnachd. Bhiodh Culturlann na ghoireas sònraichte gus ar coimhearsnachdan anns na bailtean-mòra a neartachadh. A bharrachd air an sin, tha sinn airidh air àiteigin, anns a’ bhaile-mhòr, far an tèid agad air srùbag fhaighinn gun a bhith a’ cleachdadh na Beurla.

Ged a bhiodh e sgoinneil na milleanan fhaicinn gan cosg air a leithid de dh’ionad ann an Alba, chan fheumadh sin a bhith ann. Thòisich Gàidheil Bheul Feirste an Culturlann acasan ann an togalach seann eaglais nach robhar a’ cleachdadh agus bha aca ri feitheamh fichead bliadhna gus an d’fhuair an togalach an dreach spaideil a tha air a-nis. ’S e obair latha tòiseachadh.