GED a tha mi fhìn gu bhith a’ ceumnachadh am bliadhna, tha mi uabhasach fhèin

toilichte a chluinntinn gun tèid plana ceart a chur an gnìomh ann an oilthighean

Albannach gus dèiligeadh ri eucoir ghnèitheach agus ri ionnsaighean drabastach. Tha

seo mar thoireadh air na thachair a’ bhòn-uiridh do thè, Emily Drouet, a chur làmh na beatha fhèin as dèidh dhi bhith a’ fulang aig làmhan a cèile agus iad aig Oilthigh

Obar Dheathain còmhla. Naidheachd dhuilich dha-rìribh agus tha sgeulachdan dhe

leithid a’ fàs nas cumanta. Tha màthair Emily air feuchainn ri aire nan oilthighean a thogail don chultar chunnartach a tha air sgapadh anns na beagan bhliadhnaichean mu dheireadh air campasan oilthighean na h-Alba. Is chìthear an cultar a tha seo ann an dùthchannan air feadh an t-saoghail san latha an-diugh. Thàinig sgeulachd sgreamhail à Astràilia na bu thràithe sa bhliadhna mu ‘dheasan-ghnàth’ sgràthail a chaidh a sparradh air oileanaich an-sin. Ach tha màthair Emily a-nis airson ’s gun tuig oileanaich cho cudromach ’s a tha e seo atharrachadh.

Tha Riaghaltas na h-Alba air £400,000 a chur ri iomairt ùr gus feuchainn ri cur às don chultar togsaigeach a tha seo. Bidh an iomairt ‘A Cheart cho Sàbhailte ann am Foghlam Àrd Ìre’ a’ moladh gum bi gach oilthigh a’ leasachadh ro-innleachd agus a’ toirt plana gu buil gus dèiligeadh ri fòirneart gnèitheach, a’ stèidheachadh buidheann ro-innleachdail gus seo a choileanadh. Thèid co-òrdanaiche a thaghadh gus aithisg-leasachaidh a thoirt seachad air a’ phlana is bidh aig oilthighean cuideachd ri stiùireadh agus trèanadh a thabhainn do luchd-obrach gus an cuideachadh ann a bhith a’ toirt taic do luchd-fulaing. Bidh siostam ann airson fiosrachadh tèarainte a thional, gus iomraidhean de dh’eucoir ghnèitheach a chlàradh. Bidh iad cuideachd a’ dèanamh cinnteach gum bi e follaiseach do dh’oileanaich cò a bu chòir dhaibh innse mun ionnsaigh gus taic fhaighinn. Is mu dheireadh, bidh oilthighean a’ cruthachadh phoileasaidhean do dh’oileanaich agus do luchd-obrach – còd-giùlain soilleir, modhan-ceannsachaidh agus peanasan freagarrach don fheadhainn a tha ciontach nam measg.

Tha làn fhios agam fhìn cò ris a tha e coltach a bhith air campas oilthigh. ’S e caibideil

gu tur ùr nad bheatha a th’ ann: a’ gluasad air falbh bhon taigh, a’ dèanamh cheanglaichean ùra agus a’ feuchainn ri dèiligeadh ri suideachaidhean coimheach. Ach dh’aontaichinn gun teagamh gu bheil màthair Emily ceart ann a bhith ag ràdh gu bheil cultar air choreigin beò ann an oilthighean san latha an-diugh far a bheil daoine a’ gabhail ri dìmeas drabastach am measg nan oileanach. Chanainnsa le cinnt nach biodh fios agamsa an-dràsta cò ris am bruidhninn air a’ champas nam bithinn a’ fulang le trioblaidean-inntinn, nam bithinn a’ dèiligeadh ri fòirneart no gu dearbh nan tachradh a leithid uabhasach riumsa.

Is ged nach canainn fhìn gu bheil mi air a leithid fhulang, tha gu leòr de mo charaidean air a bhith san t-suidheachadh seo. Bidh seo gu h-àraid a’ tachairt air an oidhche is daoine a-muigh aig na taighean-seinnse neo ann an clubaichean. Ach chan ann a mhàin air an oidhche ‘as dèidh drama neo dhà’ a bhios a leithid a’ dol air adhart. Gu tric, bidh dàimh eadar neach-fulaing agus neach-ionnsaigh, mar a bha eadar Emily agus an creutair san do chuir i earbs. Bho sgràilleadh gu èigneachadh agus gach rud mi-chàilear eatarra, tha mi air iomadach sgeulachd uabhasach a chluinntinn tro na ceithir bliadhnaichean agam san oilthigh. An dèidh làimhe, bidh an ciontaiche gu tric a’ toirt a chreids nach robh e ‘ach ri fealla-dhà’, no gun robh e fhèin a’ creidsinn ‘gur e sin a dh’iarr an neach-fulaing’. Ach cha bu chòir dhuinn gabhail ris: mura h-eil ùidh aca annaibh, no ma tha iad air ur diùltadh – fiù ’s ma tha iad air an inntinn atharrachadh am meadhan cùise – gabhaibh ris. Tha e cho simplidh sin.

Tha làn thìde againn rudeigin a dhèanamh mun chultar de shàrachadh cleamhnasach

agus dìmeas a tha beò anns na h-oilthighean againn, ge b’ e dè dh’èirich don

luchd-fulaing: cha tèid againn air a bhith a’ toirt a chreids gu bheil e ceart gu leòr ionnsaighean a thoirt air daoine, ann an cainnt no gu fiosaigeach. Le iomairtean a leithid #MeToo agus Time’s Up a’ sìor-fhàs am measg bhoireannach am bliadhna, agus le tuilleadh phlanaichean dhen leithid air fàire, tha sinn air an t-slighe cheart. Tha sinn co-dhiù a’ bruidhinn mu dheidhinn agus sin a’ chiad cheum ann a bhith a’ dèanamh atharrachaidhean agus a’ chùis a thoirt gu aire an t-sluaigh.

Tha mi gu mòr an dòchas gun soirbhich leis na h-oilthighean ann a bhith a’ cur nam planaichean an gnìomh.

Tha againn ris a’ chultar a tha seo de dh’fhòirneart an aghaidh bhoireannach agus, le cinnt, fhireannach, a dhubhadh às. Tha uallach gu leòr air oileanaich gun a bhith draghail mu shàbhailteachd pearsanta aig an aon àm.